James W. Black
Jump to navigation
Jump to search
B' e dotair agus fear-chungaidhean Albannach a bha ann an James Whyte Black.
Nuair a bha e 15 bliadhna dh'aois agus na sgoilear aig Beath High ann an Cowdenbeath bhuannaich e bursaraidh bhon Oilthigh Chill Rìmhinn.[1] An dèidh do ghabh e ceum chaidh e don Oilthigh Mhalaya far an robh e na òraidiche.
Nuair a dh'obair e aig ICI, dh'innlich e propranolol, a thathar a' cleachdadh ann an leigheas de chràdh mhòr a' chlèibh, agus aig Smith, Kline and French thionnsgail e cimetidine, a thathar a' cleachdadh ann an leigheas de lotan-iongarach san stamag.
Urraman[deasaich | deasaich an tùs]
Ann an 1988 fhuair e Duais Nobel ann an Leigheas airson nan lorgan seo còmhla ri Gertrude B. Elion is George H. Hitchings.[2] Bha e na sheannsalair ann an Oilthigh Dhùn Deagh bho 1996 gu 2006.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ “Black, Sir James Whyte (1924-2010)”. Royal College of Surgeons of England. Air a thogail 12mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ http://www.nobelprize.org/nobel_prizes/medicine/laureates/1988/black-facts.html