Jämshög
Jämshög
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 56° 14’ Tuath 14° 31′ Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 163 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 1,543 (2005) | ||||
| Dlùths | 9.47/km² | ||||
| Àireamh fòn | 0454 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag oifigeil (Olofström) | ||||
‘S e clachan (Suainis: tatort) ann am an ceann a deas na Suaine a th’ann Jämshög. Chaidh am baile a stèidheachadh mu 1100.[1] Tha e suidhichte anns an sgìre Blekinge, anns an roinn (Suainis: Län) Blekinge,[2] eadar Loch Halen agus Loch Orlunden, ri taobh na h-Aibhne Mieån.[3] Tha am baile fhèin aig 52m os cionn ìre na mara[4] 226km air falbh bho Ghöteborg agus 403km bho Stockholm prìomh-bhaile na dùthcha.[5] Tha 1,543 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[6] ‘S e an dualchaint Bleskingska (measgachadh dhe Suainis agus Danmhairgis) a tha ga bhruidhinn anns an sgìre. Chaidh Jämshög a thoirt ri chèile, aig ìre riaghaladh, le Kyrkhult agus Olofström ann an 1967.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à hög (Gàidhlig: àrd/bàrr) agus Jäm (iarann) a tha an t-ainm.[7] Bheireadh sin Bàrr an Iarainn dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Harry Martinson: (1904 – 1978) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1974.
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]| Bliadhna | Daoine |
|---|---|
| 2005 | 1543 |
| 2000 | 1593 |
| 1995 | 1658 |
| 1990 | 1651 |
| 1980 | 1715 |
| 1975 | 1760 |
| 1970 | 1626 |
| 1965 | 1367 |
| 1960 | 1024 |