Irpin (Kyivska Oblast)

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Irpin
Ірпі́нь
Irpin prapor.png Герб Ірпінь.png
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Irpin sity state.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Ukraine.svg An Ucràin
Ceàrn Flag of Kyiv Oblast.svg Kyivska Oblast
Co-chomharran 50° 31 00' Tuath
30° 15 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 110.83 km²
Àireamh-shluaigh 62,456 (2021)
Dlùths 563.53/km²
Àireamh fòn + 380 4597
Duilleag oifigeil https://www.imr.gov.ua/

'S e baile meadhanach suidhichte eadar Kyiv agus Bucha anns An Ucràin a th' ann an Irpin (Ucràinis: Ірпі́нь). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Bucha, san roinn Kyivska Oblast. Tha 62,456 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1899, nuair a thogadh rathad-iarainn tron sgìre. Ann an 1991, thàinig Irpin gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Aig àm ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022, bha Irpin na làrach far an robh sabaid chruaidh ann is na Ruiseanaich a' dèanamh air Kyiv. Thug feachdan na Ruis seilbh air Port-adhair Hostomel gu tuath air a' bhaile gus gluasad air adhart gu deas, timcheall air Kyiv. Chaidh am baile a bhomadh le feachdan Ruiseanach fhad 's a b' urrainn dha na h-Ucràinich iomadh feachd a bha a' feuchainn ri dhol a-steach dhan bhaile. A rèir Human Rights Watch, air 6 am Màrt 2022, bhomaig feachdan na Ruis crois-rathaid air rathad ann an Irpin a bha air a chleachdadh le sìobhaltaich is ias a' teiche.[1] Air 24 am Màrt 2022, ghlac Feachdan Armaichte na h-Ucràine 40% den bhaile a-rithist bho fheachdan na Ruis. An uair sin, air 28 am Màrt, thuirt am Probhaist Oleksandr Markushkin gun deach am baile a shaorathadh gu dearbh le feachdan Ucràineach.[2] Chaill mu 300 sìobhaltaich agus 50 saighdear Ucràineach am beatha.[3]

Eòlas-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Irpin a' bruidhinn (84.81%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (14.48%).[4]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. HRW
  2. BBC
  3. UA Crisis
  4. Ukcensus

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]