Ioslam
Ioslam | |
Stèidhichte | 622 |
Dia | Allah |
Cànan Cràbhach | Arabais |
Baile Cràbhach | Mecca |
Leabhraichean Cràbhach | An Coran |
Neach-stèidheachaidh | Muhammad |
Thòisich | An Ear Mheadhanach |
Dùthchannan as trèasa | An Innd-Innse Aràibia nan Sabhd Pagastàn Casachstàn Bangladais Nìgeiria A' Ghaimbia An Eipheit Iran Asarbaideàn An Tuirc Sudan Aildiria Maroco |
'S e creideamh a tha ann an Ioslam (Arabais: الإسلام) a thoisich Mohammad.
Sgaoil Ioslaim
[deasaich | deasaich an tùs]Anns a' chiad sia linn de dh'eachdraidh Ioslaim, 's e aon de na rudan as mothachail an strì eadar an creideamh ùr ud agus an fheadhainn eile (Crìosdaidheachd agus creideamh Soroaster ann am Peirse) a chaill torr is barrachd talamh ris ann an cogaidhean an dèidh do Mohammad agus an sluagh aige tòiseachadh air ceannairc an aghaidh na dùthchannan mun cuairt. Anns a' bhliadhna 600 bha dà Impireachd mhòr, shean agus chumhachdach gun teagamh air gach taobh den roinn ris an canar an Ear Mheadhanach san latha an-diugh;
'S e a' chiad tè dhiubh an impireachd Roimh Earrach, ris an canar 'Byzantium' mar is tric, leis a' phrìomh-bhaile Constantinople (Istanbul anns an Tuirc san latha an-diugh). Ged a thuit an Ròimh agus an impireachd anns an Iar fo sgrios na sean Ghearmailtich, no Gotaich, bha am pàirt seo den impireachd ainmeil ud fhathast beò, làidir agus dha-rìribh cha mhòr cho cumhachdach ris an Roimh aig àm sam bith de dh'eachdraidh. Nas fhaide an ear bha Impireachd Phersia, no Iran, ris an canar an Impireachd Sassanid mar is tric. B' e seo dùthaich eile le eachdraidh a cheart cho aosd ris an Roimh agus gu dearbh tha e duilich àm sam bith a lorg an eachdraidh 'nuair nach robh an da impireachd mhòr seo a' cogadh an aghaidh a chèile. Aig an àm seo bha Afraga a Tuath, gu h-àraid an Èipheit, an talamh far a bheil an Tuirc san latha an-diugh, a' Ghrèig, taobh a deas an Eadailt agus oirthir am meadhan ear fo smachd Constantinople.