Inna Zhvanetska
Coltas
| Inna Zhvanetska | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith | Vinnytsia, 20 dhen Fhaoilleach 1937 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | 18 dhen Dùbhlachd 2024 |
| Foghlam | |
| Foghlam |
Ippolitov-Ivanov State Musical Pedagogical Institute (mul) (1957 - 1959) Gnessin State Musical College (en) (1959 - 1964) |
| Dreuchd | |
| Dreuchd |
neach-teagaisg oilthigh, ollamh, music teacher (en) |
| Ballrachd |
Union of Soviet Composers (en) Deutscher Komponisten-Verband (en) |
'S e ceòl-sgrìobhaiche agus neach-teagaisg às An Ucràin/An t-Aonadh Sobhiatach a th' ann an Inna Zhvanetska (Ucràinis: Жванецька Інна Абрамівна). Rugadh e ann am Vinnytsia air 20 am Faoilleach 1937.[1] Fhuair i a cuid foghlaim on Cholaiste-ciùil na Stàite Gnessin (Ruisis: Государственный музыкальный колледж имени Гнесиных) am Mosgo, às an tug i ceum ann an 1964. B' e Nikolay Peyko a thug a cuid oideachaidh ri Zhvanetska fhad 's a bha i sa cholaiste siud. Chaidh Zhvanetska fhastadh leis a' Cholaiste fhèin mar neach-teagaisg ann an 1965, far a theagaisgeadh i piàno, ionnsramaideadh agus leughadh ciùil fad bliadhnaichean.[2] Thoisich i ri pìosan ciùil sgrìobhadh agus fhoillseachadh ann an 1958, fhad 's a bha i fhathast na oileanach.
Obair
[deasaich | deasaich an tùs]Guth
[deasaich | deasaich an tùs]- Цикл (Cuairt, facail le А. Izaakiyan, guth agus piàno, 1960).
- Январські Строки (Teirmean an Fhaoillich, facail le S. Smirnov, guth agus piàno, 1968).
- Земіяй! (An Talamh!, facail le Tvorenye-Cholovek, хор та оркестр; 1972).
- Cередньовічної єврейської поезії (Bho bhàrdachd Iùdhach meadhan-aoiseil, 1998)
- Гучні пісні Анни Ахматової (Òrain fogharach a rinn Anna Akhmatova).
- Романси (Romansaichean, facail le V. Bryusov agus cuid a bàird eile).
Orcastra
[deasaich | deasaich an tùs]Orcastra Seòmair
[deasaich | deasaich an tùs]- Бурлеск (Burlesque, fidheall agus piàno, 1959).
- Струнний квартет (Ceathrar le teudan, 1962).
- Шість п'єс (Sia pìosan, Sianar le innealan-gaoithe,1969).
- Соната (Sonata, fidheall agus piàno, 1976).
- П’ять танцювальних п'єс для дітей (Còig pìosan dannsa do chloinn, dà chello, 2007).
- La Bale (La Bale, viola agus piàno, 2015).
- Спогади про композитора Альфреда Шнітке (A' cuimhneachadh an ceòl-sgrìobhaiche Alfred Schnittke, сello na aonar).
- Осколки дитинства (Criomagan leanabachd, fidheall na h-aonar).[3]
- Варіації єврейської теми (Atharrachadh air cuspair Iùdhach, dà fhidheall).
Piàno
[deasaich | deasaich an tùs]Cenaglaichean A-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Classical Music Online
- ↑ Cohen, Aaron I. International Encyclopedia of Women Composers, Eabhraig Nuadh, ISBN 0-9617485-2-4, OCLC 16714846.
- ↑ Classical Archives