Igor Gorin
| Igor Gorin | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith | Gorodok, 26 dhen Dàmhair 1904 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | Tucson, 24 dhen Mhàrt 1982 |
| Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse) |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | seinneadair opara agus tidsear ciùil |
| Nàdar a’ ghutha |
baritone (en) |
| Inneal-ciùil | guth |
| IMDb | nm0330944 |
B' e seinneadair agus neach-teagaisg ciùil Aimearaganach-Ucràineach a bh' ann an Igor Gorin air neo Charles Igor Gorin (Ucràinis: Ігор Горін, fìor ainm: Ignatz Greenberg Horodok 26 an Dàmhair 1904 - Tucson, 24 am Màrt 1982).[1] S' ann do theaghlach Iùdhach creideamhach a bhuinneadh e: b' e rabbi a bh' ann athair. Fhuair rud beag foghlam traidiseanta ann an Talmud san yeshiva a bha le athair. Chùm e an talmud air mheomhair agus dh' ionnsaich e Eabhra. Ghluais an teaghlach gu Vienna nuair a bha Gorin 15 bliadhna a dh' aois. Thug e ceum ann an ceol o MDW ann an Vienna, eadar 1926 agus 1929. Bha e na Hazzan san sionagog aig an aon àm. Dh' fhàg e an dùthaich aige fhèin airson na Stàitean ann an 1933, far an robh e uabhasach fhèin soirbheachail.[2]
