Iain Mac a' Bhrataich
Iain Mac a' Bhrataich | |
---|---|
Beatha | |
Breith | 13 dhen Lùnastal 1932 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Bàs | 8 dhen Dàmhair 2008 |
Teaghlach | |
Athair | John Bannerman, Baron Bannerman of Kildonan |
Màthair | Ray Mundell |
Cèile | Criosaidh Dick (1959 - |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Chambridge Oilthigh Ghlaschu |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | eachdraiche |
Fastaichean | Oilthigh Dhùn Èideann |
B' e eachdraiche cliùiteach na Gaidhealtachd a bha ann an Dotair Iain Mac a' Bhrataich (Beurla: John Bannerman; Baile Mo Thatha, 13 an Lùnasdal 1932 — Baile Mo Thatha, 8 an Dàmhair 2008). Bha an rannsachadh aige air Dál Riata, an Seanchas Ì Chaluim Chille, agus an Senchus fer n-Alban (Seanchas Fhear na h-Alba) gu h-àraidh buadhach.
Rugadh e ann am Baile Mo Thatha 13 an Lùnasdal 1932, taobh Loch Laomainn ann an teaghlach Gàidhlig, agus sgrùdaich e na cànanan Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Chambridge. As dèidh dha ceumnachadh, ghabh e dreuchd an toiseach anns an Roinn Ceilteach aig Oilthigh Obar Dheathain, agus an sin ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Leig e dheth a dhreuchd aig an oilthigh ann an 1997 a bhith na thuathanach làn-thìde ann am Baile mo Thatha. Chaochail e ann an 8 an Dàmhair 2008.
Clàr-leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Bannerman, John (1983): “Literacy in the Highlands”, ann an: Ian B. Cowan & Duncan Shaw: The Renaissance and Reformation in Scotland. Edinburgh: Scottish Academic Press, td. 214–235.