Guateque
Cur air cois | 28 dhen Fhaoilleach 1636 |
---|---|
Dùthaich | Coloimbia |
Prìomh-bhaile de | Eastern Boyacá Province |
Sgìre riaghaltais ionadail | Eastern Boyacá Province, Boyacá |
Domhan-leud is -fhad | 5°0′21″N 73°28′23″W |
Cànan obrach no ainm | Chibchan |
Làrach-lìn | http://www.guateque-boyaca.gov.co/index.shtml |
‘S e baile beag ann am Boyacá, Coloimbia,[1] a th' ann Guateque. Tha e suidhichte aig 1,815m os cionn ìre na mara, 125km air falbh bho Thunja, prìomh-bhaile na roinne, agus 112km bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 20˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1636.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 10,171 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 3,036 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Guateque, ach tha 0.7% dhe Tùsanaich agus 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 87.9% dhe na daoine ann an Guateque leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 37.8% dhe na dachannan.[4]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Guateque. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis na Cleasan Teine: 20mh gu 25mh am Faoilleach.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Enrique Olaya Herrera (1880–1937): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1930 agus 1934.