Jump to content

Geàrr-sgrìobhadh Tiro

O Uicipeid
Salm 68 ann an geàrr-sgrìobhadh Tiro

Chaidh geàrr-sgrìobhadh Tiro (Laideann: notae Tironianae) a dh'innleadh leis an rùnaire aig Cicero a rèir coltais, fear air an robh Marcus Tullius Tiro. Dh'innlich e na mìltean de chomharraidhean airson an t-siostam seo agus chaidh a leasachadh 's a chleachdadh fad ùine mhòr. 'S e siostam leth-lideach a th' ann.

Tha siostaman geàrr-sgrìobhaidh san Àirde an Iar a' dol air ais dhan 4mh linn ro Chrìosd agus fhad 's fhios dhuinne, 's e Xenophon a' chiad duine a chleachd siostam mar seo. 'S e notae an t-ainm a bh' air an t-siostam seo agus chan eil na sgrìobhadairean Ròmanach ag aontachadh idir cò dh'innlich a chiad dhiubh airson na Laidinn.

Dh'innlich Tiro an siostam aigesan mun bhliadhna 60 ro Chrìosd agus ged a chrìoch a chleachdadh an dèidh 1100, chunnacas e gu ruige na 17mh linn.[1][2][3]

Eisimpleirean de notae Tiro agus na dòighean air a chaidh an cur còmhla gus lidean nas iom-fhillte a chruthachadh dhe na comharran bunasach

An t-agusan

[deasaich | deasaich an tùs]
Sanas rathaid ann am Baile Àtha Cliath a tha a' cleachdadh an t-agusan.

Cha deach an ampersand (cothlamadh de et "agus" sa Laideann) a chleachdadh san t-siostam aig Tiro. Chleachd esan an t-agusan ⁊ (Cruthan eile a' chomharraidh) agus gu ìre, 's e seo an aon chomharra dhen t-siostam aige a dh'aithnichear cuid mhath dha na daoine fiù an-diugh, gu h-àraidh ann an Èirinn is Alba.

Chan eil cus dhe na comharran aig Tiro ann an Unicode agus leis a sin, tha e doirbh an cleachdadh air coimpiutairean. Ge-tà, tha an t-agusan ⁊ ri fhaighinn aig U+204A agus tha a chleachdadh gu h-àraidh cumanta ann an Èirinn agus tha e a' nochdadh ann an Alba an-siud 's an-seo cuideachd.

Tha gu h-àraidh bathar-bog Gàidhlig leithid Firefox, Opera agus LibreOffice ga chleachdadh, ged a chuireas iad gu feum comharra aig puing-còd eile (┐ aig U+2015) an àite an agusain fhèin a chionn 's gu bheil e ag obair nas fhearr air na siostaman-obrach a th' againn.

  1. ↑ Guénin, Loius-Prosper Histoire de la sténographie dans l'antiquité et au moyen-âge; les notes tironiennes (1908) Hachette ISBN 301255530
  2. ↑ Mitzschke, P. Biography of the father of stenography, Marcus Tullius Tiro. Together with the Latin letter, "De notis", concerning the origin of shorthand (1882) Brooklyn ISBN 11943552
  3. ↑ Kopp, U. Lexicon Tironianum (1965) Osnabrück ISBN 2996309