Salm 68

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha an t-salm seo a’ dèiligeadh ri iomadh cuspair, le cuid de na rannan air an sgrìobhadh ann an diofar stoidhlean. Bhon toiseach, suas gu rann ochd-deug thathas air an sgrìobhadh le dreach duanaig fhads a tha na rannan às-dèidh sin gu trichead sa còig (19-35) nas coltaiche ri laoidh. Tha cuid air a ràdh gur dòcha gur e measgachadh a tha seo de dhiofar òrain is laoidhean.

‘S e am prìomh chuspair cumhachd Dhè; ‘san t-àm a dh’fhalbh, ‘san t-àm a bh’ann, agus ‘san t-àm ri teachd leis an fhiosrachadh air a tharraing à eachdraidh Israel.

Tha Dia air ainmeachadh mar cheannard, a’ seasamh air beulaibh nan daoine aige, agus e gan dìon agus a’ toirt mathanais dhaibh.

Thathar a’ tòiseachadh leis an ecsodus a-mach às an Eiphit agus a’ crìochnachadh le Dia ann an Zion.

Dìreach mar a fhuair an t-sluaigh taic bho Dhia anns na bliadhnachan a chaidh, tha e fhathast gan cuideachadh agus gam beannachadh gach latha.

Tha an t-salm a’ toirt ìomhaigh dhuinn de chaismeachd aig fèis, a’ moladh Dhè agus a’ sealltainn mar a chaidh a chrùnadh mar Rìgh. Tha Benhamin agus Judah an-làthair bho na treubhan mu dheas, agus Zebulun agus Naphtali bho na treubhan mu thuath.

Tha beannachdan Dhè anns an t-àm a dh’fhalbh agus an t-àm a th’ann gan cleachdadh mar fhianais gum bi an Tìghearna buadhach san an àm ri teachd. Tha iad a’ toirt cuireadh seachad don h-uile nàisean Dia aithneachadh agus a mholadh.