Opera
Appearance
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/4/49/Opera_2015_icon.svg/150px-Opera_2015_icon.svg.png)
Is e brabhsair an asgaidh a tha ann am Opera a tha air stiùireadh le Opera Software. 'S e a' chiad bhrabhsair a bha ri fhaighinn sa Ghàidhlig, eadar tionndadh 5.12 a chaidh a sgaoileadh ann an 2000 gu 6.06 ann an 2001. An dèidh sin, thàinig dreach Gàidhlig de thionndaidh 11.0 san Dùbhlachd 2010 agus a-mach o sin.
Chaidh an companaidh a reic do cho-bhanntachd Sìneach ann an 2017 agus, còmhla ri mòran chànan eile, chuir iad crìoch air an eadar-theangachadh Gàidhlig.