Bathar-bog Gàidhlig

O Uicipeid
An sgrìn mhòr ann an LibreOffice

'S e bathar-bog a tha sa Ghàidhlig no a chuireas taic ri cleachdadh na ionnsachadh na Gàidhlig a th' ann am bathar-bog Gàidhlig (no Scottish Gaelic software sa Bheurla). 'S e gu h-àraidh faclairean agus bathar-bog le còd saor a nochd gu ruige seo.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

A-rèir coltais b’ e am faclair air loidhne an Stòr-dàta Briathrachais, air an làraich-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1994, a’ chiad ghoireas mór coimpiutaireachd na Gàidhlig a bha ri fhaighinn a-riamh, agus a’ chiad ghoireas a bha ri fhaighinn air an Eadarlìon. Agus chaidh am faclair freumh-eòlais aig MacBheathain a chur air an Eadarlìon caran aig an aon àm mar fhaclair air-loidhne, aig ceantar.org ann an California le teacsa a fhuaireadh bho SMO. Beagan as dèidh sin, nochd Opera, am brabhsair-lìn.[1] Cha do nochd prògraman cumanta eile ach greis mhath ’nan déidh, can OpenOffice ann an 2004 no Firefox ann an 2010.

Loidhne-ama[deasaich | deasaich an tùs]

Suaicheantas Opera

On a nochd an Stòr-dàta, tha iomadh goireas eile air nochdadh:

1994[deasaich | deasaich an tùs]

2000[deasaich | deasaich an tùs]

2001[deasaich | deasaich an tùs]

  • Faclair na Pàrlamaid; faclair ann an clò is air loidhne (’na thàmh, ach ri fhaighinn tro Multidict)
  • Google (cuid dheth slighe a' phròiseict Google In Your Language a tha air a bhith 'na thàmh a-mach i 2012)

2002[deasaich | deasaich an tùs]

2003[deasaich | deasaich an tùs]

Suaicheantas Mozilla Firefox
  • Uicipeid na Gàidhlig; leabhar mòr-eòlais air loidhne

2004[deasaich | deasaich an tùs]

  • OpenOffice; prògraman oifis. Chaidh a sgaoileadh a' chiad turas ann an 2004 agus nochd ùrachaidhean gu ruige 2009 (tionndadh 3.0.1) ach bha e 'na thàmh an uairsin. Às dèidh dhan Apache Software Foundation a ghabhail os làimh, chaidh ùrachadh leis an sgioba a tha os cionn LibreOffice agus ath-sgaoileadh sa Ghearran 2013 (tionndadh 3.4.1)

2005[deasaich | deasaich an tùs]

  • MediaWiki; bathar-bog a bheir cothrom dhut uicipeid a ruith

2006[deasaich | deasaich an tùs]

2007[deasaich | deasaich an tùs]

2008[deasaich | deasaich an tùs]

  • phpBB; bathar-bog fhòraman-lìn, chaidh sgaoileadh oifigeach a dhèanamh dheth ann an 2014
  • Multidict; gluasad gu furasta eadar gach faclair Gàidhlig a tha air-loidhne
  • WordLink; goireas a cheanglas duilleag Eadarlìn facal-air-an-fhacal ri faclairean tro Multidict

2009[deasaich | deasaich an tùs]

  • Dwelly-d; faclair air loidhne
  • Am Faclair Beag; faclair air loidhne
  • MyGaelic.com; lìonra sòisealta a chaidh à bith ann an 2012

2010[deasaich | deasaich an tùs]

Suaicheantas WordPress

2011[deasaich | deasaich an tùs]

VLC air KDE Plasma Desktop

2012[deasaich | deasaich an tùs]

2013[deasaich | deasaich an tùs]

  • TuxPaint; prògram peantaidh dhan chlann
  • Frogatto & Friends; a' chiad gheama jump 'n run a bha a-riamh ann an Gàidhlig
  • Open Transport Tycoon Deluxe; geama atharrais a leigeas leat lìonra còmhdhalach a thogail
  • Office 2013; pacaid cànain airson Microsoft Office 2013. Tha Office 365 ann an Gàidhlig a-nis cuideachd ach chan eil feum air pacaid.
  • DuckDuckGo; einnsean-luirg
  • Ubuntu 13.10 agus Linux Mint; siostam-obrachaidh. Nochd a' chiad eadar-theangachadh roimhe seo ach chaidh an tionndadh ceartaichte fhoillseachadh san Dàmhair 2013.
  • GCompris, sreath de gheamannan is cleasan foghlaim do chlann eadar aois 2 is 10
  • Flare, geama RPG air nòs Dungeons & Dragons

2014[deasaich | deasaich an tùs]

2015[deasaich | deasaich an tùs]

2016[deasaich | deasaich an tùs]

  • Enigmail; crioptachadh puist-d
  • Widelands; geama ro-innleachd togail fìor-ama
  • Swiftkey; meur-chlàr airson Android
  • An Sruth; Stòr-dàta de ghnàthasan-cainnte Gàidhlig-Gaeilge
  • Bunadas; Stòr-dàta ann an cruth lìonra de dh’fhaclan co-dhàimheil sna cànanan Ind-Eòrpach, gu h-àraid sna cànanan ceilteacha

2017[deasaich | deasaich an tùs]

2018[deasaich | deasaich an tùs]

2019[deasaich | deasaich an tùs]

  • Valryia Tear; geama cluich mas fhìor (RPG) air stoidhle Sheapanach 2D airson aon chluicheadair le sgeulachd ann an saoghal meadhan-aoiseach
  • Transkribus; modail Gàidhlig airson aithneachadh làmh-sgrìobhaidh

2020[deasaich | deasaich an tùs]

2021[deasaich | deasaich an tùs]

  • OBS Studio; prògram airson clàradh video agus sruthadh beò
  • An GOCair; prògram a thionndaidheas litreachadh ro-GhOC na litreachadh GOC (gu ìre)
  • ASR Gàidhlig; bathar bog a thionndaidheas cainnt na theacsa (tionndadh beta/deuchainneach)

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean dhan taobh a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Michael Bauer, Roibeard Ó Maolalaigh ⁊ Rob Wherrett Survey of Gaelic Corpus Technology
  2. BBC Naidheachdan 2016-01-19: Fàilte air Ceitidh