Jump to content

Eugène Varlin

O Uicipeid
Eugène Varlin
Beatha
Breith Claye-Souilly, 5 dhen Dàmhair 1839
Dùthaich  An Fhraing
Bàs 18th arrondissement of Paris (en) Translate, 28 dhen Chèitean 1871
Nàdar a’ bhàis  (leòn peileir)
Foghlam
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, communard (en) Translate, bookbinder (en) Translate agus ball aonaidh-chiùird
Ballrachd Comann Eadar-nàiseanta nam Fir-obrach
Comité central républicain des Vingt arrondissements (en) Translate
Central Committee of the National Guard (en) Translate
Comhairle na Coimhearsnachd

B' e leabhar-cheangladair, ball nan aonaidhean-ciùrd agus rèabhlaideach sòisealach às An Fhraing a bh' ann an Eugène Varlin (Claye-Souilly, 5 an Dàmhair, 1839 - Paris, 28 an Cèitean 1871).[1] Bha esan an lùib a' Chomainn Pharis agus chaidh a mharbhadh ga dhìon.

Rugadh e ann an Claye-Souilly, faisg air Paris, ann an ceann an tuath na Frainge, nuair a bha an dùthaich na Rìoghachd gu math cugallach air an robh Monarcachd an Iuchair (Fraingis: Monarchie de Juillet). Bhuineadh e do theaghlach gu math bochd, macanta agus cha deach e idir dhan oilthigh. Dh'fhàg e an sgoil aig 13 bliadhna a dh' aois. Cha robh e ach 25 bliadhna a dh' aois nuair a chuir e ri stailc air dòigh eadar na leabhar-cheangladairean, ann an 1864.

Eugène Varlin by Vallotton.

Dh' fhàs e gu math dlùth air rèabhlaidich eile a bha an aghaidh na stàite, mar Jarosław Dąbrowski, Louis Charles Delescluze agus Auguste-Jean-Marie Vermorel.[2] B' ann ann am Paris a chaochail e, nuair a bha e 32 bliadhna a dh'aois, agus na caraidean aige. Chaill An Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise agus bha am baile air a chuairteachadh le feachdan bho thall thairis. Sheas esan an aghaidh a' chogaidh ach chuidich e leis an iomairt nuair a chuairtich na Prùisianich am baile is e os cionn nam feachdan-dìona. Thoisich ar-a-mach nan daoine bochda an aghaidh nan Gearmailteach, an Riaghaltais agus nan Monarcach. Chuir feachdan na stàite gu bàs e.

Ann an 1910, is mòr-chuid aig na Sòisealaich sa Chomhairle, dh'ainmich sràid sa 10mh arrondissement (sgìre ann am Paris) an a dhèidh.[3]

Aistean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Commune 1871
  2. Muzeum Niepodległości w Warszawie
  3. Mairie de Paris