Jump to content

Donald Trump

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Domhnall Trump)
Donald Trump
stiùiriche


àrd-oifigear gnìomha

1971 -
president (en) Translate

1971 - 2017
36. Ceann-suidhe taghte nan Stàitean Aonaichte

9 dhen t-Samhain 2016 - 20 dhen Fhaoilleach 2017
Barack Obama - Joe Biden
Taghadh: taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, 2016
45. Cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte

20 dhen Fhaoilleach 2017 - 20 dhen Fhaoilleach 2021
Barack Obama - Joe Biden
Taghadh: taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, 2016
38. Ceann-suidhe taghte nan Stàitean Aonaichte

6 dhen t-Samhain 2024 -
Joe Biden
Taghadh: 2024 United States presidential election (en) Translate
47. Cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte

20 dhen Fhaoilleach 2025 -
Joe Biden
Taghadh: 2024 United States presidential election (en) Translate
Beatha
Ainm slàn Donald John Trump
Breith Jamaica Hospital Medical Center (en) Translate, 14 dhen Ògmhios 1946
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Àite-fuirich Mar-a-Lago (en) Translate
Trump Tower (en) Translate
An Taigh Geal
Manhattan (mul) Translate
Eabhraig Nuadh
Queens (mul) Translate
Palm Beach (en) Translate
Jamaica Estates (en) Translate
Cinneadh Aimeireaganaich gheala
Ciad chànan Beurla
Teaghlach
Athair Fred Trump
Màthair Màiri Anna NicLeòid
Cèile Ivana Trump (mul) Translate  (9 dhen Ghiblean 1977 -  11 dhen Dùbhlachd 1990)
Marla Maples (mul) Translate  (20 dhen Dùbhlachd 1993 -  8 dhen Ògmhios 1999)
Melania Trump  (22 dhen Fhaoilleach 2005 -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Fine family of Donald Trump (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Phennsylvania
The Kew-Forest School (en) Translate 1964)
Acadamh an Airm ann an New York
(1959 - 1964)
Oilthigh Fordham
(dhen Lùnastal 1964 - 1966)
The Wharton School (en) Translate
(1966 - dhen Chèitean 1968) Baidealair nan Saidheansan : eaconomachd
Àrd-fhoghlam Baidealair nan Saidheansan
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-gnìomhachais mòr, neach-seilbheachd, sealbhadair thaighean-bìdh, neach-poileataigs, game show host (en) Translate, real estate entrepreneur (en) Translate, riochdaire telebhisein, riochdaire fhilmichean, sgrìobhadair, actair, àrd-oifigear gnìomha, marsanta, neach-gnìomhachais agus neach-tionnsgain
Cuideam 215 punnd
Àirde 74 inch
Àitichean-obrach Eabhraig Nuadh agus Washington
Obraichean comharraichte Trump: The Art of the Deal (en) Translate
Crippled America (en) Translate
The Apprentice (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Liosta billeanairean Forbes
SAG-AFTRA (en) Translate
The Trump Organization (en) Translate
Gluasad right-wing antiglobalism (en) Translate
isolationism (en) Translate
American patriotism (en) Translate
anti-gender movement (en) Translate
opposition to immigration (en) Translate
right-wing populism (en) Translate
Far-ainmean John Barron, John Miller, The Donald agus David Dennison
Gnè ealain fireann
Creideamh
Creideamh Nondenominational Christianity (en) Translate
Seanaireachd
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Poblachdach
Am Pàrtaidh Poblachdach
Reform Party of the United States of America (en) Translate
Am Pàrtaidh Deamocratach
Am Pàrtaidh Poblachdach
neach-poileataigs neo-eisimeileach
IMDb nm0874339
donaldjtrump.com agus 45office.com

Is e fear-seilbh agus fear-leasachaidh Ameireagach a tha ann an Donald John Trump (Eabhraig Nuadh, 14 an t-Ògmhios 1946).

Eachdraidh phearsanta

[deasaich | deasaich an tùs]

B' ann às a' Ghearmailt a bha pàrantan athar agus b' ann à Tong, Leòdhas a bha a mhàthair. Thogadh ise ann an croit agus bha Gàidhlig bho thùs aice. Thàinig i do na Stàitean Aonaichte nuair a bha i ochd bliadhna deug a dh'aois agus bha i ag obair mar shearbhanta-bùird ann an stàit Nuadh Eabhraic.[1]

Tha Melanie Trump na threasamh bhean. Tha triùir bhalach is dithis nigheanan aige.

Tha Trump an sàs ann am mòran chompanaidhean, mar eisimpleir "Trump Hotels" agus casinothan. Bhristidh an gnothaichean aige sia àm eadar 1991 is 2009.[2][3] Thuirt Trump ann an 2011, "I do play with the bankruptcy laws – they're very good for me."[4][5]

Thuirt e cuideachd gun do rinn an IRS modh-sgrùdadh dha chìsean a h-uile bliadhna o choinn dà bhliadhna deug agus, "I fight very hard to pay as little tax as possible."[6][7] Tha Trump a' diùltadh a chìsean fhuasgail, oir a tha an IRS modh-sgrùdadh a dhèanamh a aghaidh.[8][9] Dh'fhuasgail a h-uile tagraiche cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte o choinn 1976.[10][11]

Dhubh-chàineadh e airson droch-chainnte gnèitheachais, agus thilg 15 boireannach air gun do chlaoidh e iad gu sàrachadh cleamhnasach.[12]

Bha fanaid Trump air fear-naidheachd ciorramach Serge Kovaleski agus seanadair John McCain anns na naidheachdan Aimeireagach.[13] Bha McCain na phaidhleat anns an Cogadh Bhiet-Nam agus leònadh e ann an tubaist; bha e na chiomach còig bliadhna fo chreòtachd ùghdarras Bhiet-Nam a Tuath. Thuirt Trump, "'S fheàrr leam duine nach do ghlacadh a-riamh."[14]

Trump mar fear-poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

Sheas Trump airson taghadh mar ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2012, ach chiall e anns a' chiad thaghadh.

Air 8 an t-Samhain 2016 bhuannaich e taghaidhean nan Stàitean Aonaichte, a' chiad neach a rinn seo a-riamh an aonais eòlas anns an Arm air neo poileataigs,[15] gidheadh fhuair Hillary Clinton faisg air trì millean bhòtan a barrachd, agus Mike Pence na iar-cheann-suidhe.[16]

Air 20 am Faoilleach 2017, rinn e òrdan toirmisg innteirte daoine às seachd dùthaich Muslamach: Ioràc, Ioràn, Libia, Somàlia, Sudan, Siria agus Iemen.[17] Bhòt Taigh nan Riochdairean airson impeachment an aghaidh ann an 2019.[18]

Chaill e taghadh a' chinn-suidhe ann an 2020 is ann an 2021 thug e misneachd do luchd-taic a thug ionnsaigh air togalach a' Chapitol, far a bheil Pàrlamaid nan Stàitean Aonaichte is i a' dearbhadh gum bi Joe Biden an t-ath-cheann-suidhe. Chaochail ceathrar anns an fhòirneart[19] agus aonar eile an dèidh sin.[20] Chaidh Mgr Trump a thoirmeasg bho Twitter.[21]

Trump ann an litreachas agus ceòl

[deasaich | deasaich an tùs]

Rinn Mànran, còmhlan-ciùil folk-ròc Ghàidhlig is Bheurla, òran dà-chànanach mu a dheidhinn, "An Dà Là."

Bhuannaich duanag Bheurla Ghallda le Lorna Wallace às Cill Mheàrnaig duais Raibeirt Burns ann an Sealainn Nuadh. Tha "A Scot’s Lament fur her American Fellows (Oan their election of a tangerine gabshite walloper)" na thiotal an dàin.[22]

Rinn Joseph Charles McKenzie dàn a mholaidh gu snòdarsaich "the Domhnall, the best of MacLeod!" Tha an dàn ag spreigeadh a nàimhdean do a h-uile rud air a shon a dhubh-chàineadh Trump fhèin, mar eisimpleir dòlas luchd-imriche agus fèinealachd. Tha McKenzie na bhàrd ainmeil Aimeireagach is na bhall Society of Classical Poets.[23]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Hannan, Martin (May 20, 2016). "An inconvenient truth? Donald Trump's Scottish mother was a low-earning migrant". The National. Retrieved November 19, 2016.
  2. Hood, Bryan (June 29, 2015). "4 Times Donald Trump's Companies Declared Bankruptcy". Vanity Fair News. Retrieved January 17, 2016.
  3. Li, Hao (April 12, 2011). "Donald Trump Questioned on His Bankruptcies". International Business Times. Retrieved February 19, 2015.
  4. Stone, Peter (May 5, 2011). "Donald Trump's lawsuits could turn off conservatives who embrace tort reform". The Center for Public Integrity. Retrieved March 14, 2016.
  5. Kurtz, Howard (April 24, 2011). "Kurtz: The Trump Backlash". Newsweek. Retrieved March 14, 2016.
  6. Kopan, Tal (May 13, 2016). "Trump on his tax rate: 'None of your business'". CNN.
  7. Wilhelm, Colin (January 24, 2016). "Trump vows to release his tax returns". Politico. Retrieved February 22, 2016. It's a little tax
  8. "Trump says he can't release tax returns because of audits". CNN. February 26, 2016. Retrieved February 26, 2016.
  9. Browning, Lynnley (February 26, 2016). "Trump's 12 Years of Audits 'Very Unusual,' Ex-IRS Agent Says". Bloomberg. Retrieved February 26, 2016.
  10. Presidential Tax Returns(Beurla). Tax History Project. Air a thogail 2na dhen Ghearran 2017.
  11. Rappeport, Alan (May 11, 2016). "Donald Trump Breaks With Recent History by Not Releasing Tax Returns". The New York Times. Retrieved July 19, 2016.
  12. "Summer Zervos Suing Donald Trump for Defamation". 17 January 2017. The Daily Beast. Retrieved 17 January 2017.
  13. Fanaid Trump air fear-naidheachd ciorramach (Beurla)
  14. Fanaid Trump air seanadair John McCain (Beurla)
  15. El Pais
  16. Presidential Election Results: Donald J. Trump Wins”, The New York Times. Air a thogail 20mh dhen Dùbhlachd 2016. 
  17. Powell, Rebeka: “Protesters descend on US airports rallying against Trump's immigration policies”, ABC News. 29mh dhen Fhaoilleach 2017. Air a thogail 30mh dhen Fhaoilleach 2017. 
  18. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 19mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2020. 
  19. Naidheachdan 11:00m”. 7mh dhen Fhaoilleach 2020. Air a thogail 8mh dhen Fhaoilleach 2020. 
  20. Evelyn, Kenya: “Capitol attack: the five people who died”, The Guardian. 8mh dhen Fhaoilleach 2021. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2020. 
  21. Twitter 'permanently suspends' Trump's account”, BBC News. 9mh dhen Fhaoilleach 2020. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2020. 
  22. Artaigil mu dheidhinn "A Scot’s Lament fur her American Fellows (Oan their election of a tangerine gabshite walloper)" (Beurla)
  23. Artaigil mu dheidhinn dàn MhicKenzie (Beurla)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]