Ceannaiche
Is e neach-malairt a tha ann an ceannaiche.
Bithidh ceannaiche a' cosnadh a bheò-shlàinte eadar ceannaich agus reic.
Bithidh gach ceannaiche a' ceannaich bathair aig prìs saor agus ga reic aig prìs daor. Theirear "ràth" ris an difir eadar cosgais an ceannaich agus prìs an reic.
Mar sin: PRÌS REIC - COSGAIS CEANNAICH = RÀTH
Bithidh cuid ceannaichean a' dèiligeadh an aon bathar sònraichte, neo aslach cumhang de bathair- m.e. fionn. Air an dara laimh, bithidh "ceannaichean ginearalta", m.e. fear-bùtha a' ceannaich agus a' reic iomadh seòrsa bhathair.
Is e cùise sònraichte a tha ann an fear a' bhùth . Bithidh esan a' ceannaich bathair "anns an tomad", aig prìs saor. Bithidh esan an uairsin a' reic aonadan beag de bathar aig prìs daor, ri daoine a bhitheas a' cleachdadh na bathair gu pearsanta, mar eisimpleir croganan silidh.
Bithidh bùth ginearalta (mar eisimpleir "Bùth Theàrlaich" anns an sreath Telebhisein "Ran Dan"), a' reic iomadh seòrsa bathair eadar bòtannan is biadh. Tha bùithtean ginearalta fhathast cumanta 's an latha an diugh anns na sgìrean b' iomallach den Ghaidhealtachd.