B’ e meanbh-dhùthaich ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1806 gu ruige 1853 a bh’ anns an Diùcachd Anhalt-Köthen (Gearmailtis : Herzogtum Anhalt-Köthen ). Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1807 tro àrdachadh Prionnsa Anhalt-Dessau gu Diùc.[1] Bha Anhalt-Köthen na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1807 gu ruige 1813 ,[2] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt , a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe .[3] Chuir Anhalt-Köthen dìreach 700 saighdearan do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[4] B’ e Köthen a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh Anhalt-Köthen a chur ri Anhalt-Dessau ann an 1853 , sia bliadhna an dèidh dhan Diùc Heinrich Askanier bàsachadh gun chlann.[5]
Augustus Christian Friedrich 1806 – 1812
Leopold III. àAnhalt-Dessau (tàinistear) 1812 - 1817
Leopold IV. à Anhalt-Dessau (tàinistear) 1817 - 1818
Louis Augustus Karl Friedrich Emil 1812 – 1818
Frederick Ferdinand 1818 - 1830
Heinrich 1830 – 1847
↑ Almanach de Gotha
↑ Napoleon
↑ Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier, septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2 ), duilleag. 374
↑ Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard, octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1 ), duilleag. 486
↑ Hertslet, Edward (1875), The map of Europe by treaty; showing the various political and territorial changes which have taken place since the general peace of 1814, London: Butterworths