B’ e dùthaich bheag ann an ceann a tuath na Gearmailte a mhair dìreach seachd bliadhnaichean bho 1803 gu ruige 1810 a bh’ anns an Diùcachd Arenberg-Meppen (Gearmailtis: Herzogtum Arenberg-Meppen).[1] Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1803 nuair a dh' aontaich Pàrlamaid Regensburg (Gearmailtis: Immerwährender Reichstag)[2] an sgìre mu timcheall Mheppen agus oighreachdan mòra ann an Recklinghausen, mar dhìoladh dhan Dhiùc Arenberg[3] oir bha esan air talamh mòr a chall air an taobh thall na Rèine aig toiseach toisichidh Ar-a-mach na Frainge. Le sin, bha Napoleon Bonaparte air dìlseachd an diùc a cheannachd ri linn atharraidhean mòra a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailte.[4] Chuir Napoleon às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe ann an 1806. Bha Arenberg-Meppen na ball Co-chaidreachas na Rèine agus chuireadh saighdearan às an stàit gu feachdan na Frainge. Mu dheireadh thall, ann an 1810,[5] chaidh fearann na stàite seo a thoirt a-steach gu Ìmpireachd na Frainge, gu ruige Còrdadh Vienna ann an 1815, nuair a chaidh a roinneadh ann an dà leth: Recklinghausen dhan A' Phruis agus Meppen fhèin do Hanòbhar. B’ e Meppen a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha.[6]
↑Johann Ludwig Klüber, Öffentliches Recht des Teutschen Bundes und der Bundesstaaten, Andreäische Buchhandlung, Frankfurt am Main 1840, S. 39 Anm. d, S. 889 Anm. b, S. 897 Anm. b