Deasbaireachd na teamplaid:Google Translate/tro chèile?
Coltas
A Shionnaich, a bheil fios agad gun do chuir Uicidh na Beurla de "Contant Translation"? 'S docha mas urrainn dhuinn cur dheth an seo, bidh duilgheadasan nas lugha againn. (Chan eil fhios a'm gum bi cuideigin a chleachdadh gu feumail...) Le dùrachdan, Catrìona (an deasbaireachd) 22:57, 30 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)
- A Chatrìona, bidh coinneamh agam an t-seachdain seo le Wikimedia UK. Togaidh mi a' cheist seo leotha. Tha mi a' smaointinn gu bheil e na thrioblaid do gach uici a tha cleachdadh mion-chànain. Feumaidh gun robh aig na Cuimrich is gun do chuir iad air dòigh teamplaid mar am fear seo. Susan.nls (an deasbaireachd) 09:02, 31 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)
- A Chatrìona, tha, tha fios agam mu "Contant Translation". Cleachd mi fhèin e bho àm gu àm, agus feadhainn eile cuideachd. Tha e feumail le cruth na duilleige, ach feumar a' Ghàidhlig a cheartachadh. Ach chan eil e aig Uicidh na Beurla, 's e pròiseact bhon Wikimedia Foundation a th' ann agus tha mi an dòchas gum bi e a' fàs nas fheàrr san àm ri teachd.
- Tha an teamplaid seo gu sònraichte a thaobh google translation. Cho fad 's a tha google tranlation airson na Gàidhlig ann, chan eil e gu diofar, am bi "Contant Translation" ann no às, bidh daonnan trioblaidean ann le droch eadar-theangachadh. Agus ma tha cuideigin a' milleadh nan duilleagan, tha e fada nas fhasa agus nas luaithe teamplaid a chur ri duilleag a' chleachdaiche, na teacsa fada a sgrìobhadh. Faic m.e. Deasbaireachd a' chleachdaiche:Nerd1853. --Sionnach (an deasbaireachd) 13:44, 31 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)
- Tapadh leibh airson ur freagairtean. Tha mise glè nodha an seo; cha bu toigh ro-bheachdan a dhèanamh. Catrìona (an deasbaireachd) 18:41, 31 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)