Deasbaireachd na roinn-seòrsa:Eòlas-talmhainn
Tha mi a' moladh gun aontaich sinn air facal as fheàrr leinn agus facal eile aithnichte airson geology. Tha duilleag againn leis an tiotal Geòlas ach an roinn-seòrsa Eòlas-talmhainn.
Gàidhlig | Notaichean | Tùs |
---|---|---|
Geòlas | fir. | Facal G (aig Stòrlann/sgoiltean) Colin Mark[1] |
Creag-eòlas | fir. | Am Faclair Beag LearnGaelic.net |
Clach-eòlas | fir. | Am Faclair Beag LearnGaelic.net |
eòlas-talmhainn | Foghlam Alba (aon eisimpleir)[7] Pìos mu Mhèinn-Iarainn Ratharsair (sgrìobhte le oileanach?)[8] | |
n/a | Faclair na Sgoile MacLeod, N. Dictionary of the Gaelic Language 1831. | |
sgoil-chreige | Dwelly | |
talamh-eòlas | Dwelly | |
cruinn-eòlas | Dwelly (cuideachd 'geography') |
- Cha do lorg mi càil ann an DASG ach aon eisimpleir de 'chlach-eòlas' ann am Faclan ùra Gàidhlig.
- Tha e coltach gun do nochd na trì eisimpleirean airson 'eòlas-talmhainn' as dèidh Uicipeid - an deach a sgaoileadh bho seo?
- Chan eil faclairean eile agam an seo agus bhiodh fàilte ro iomraidhean eile san chlàr shuas.
'S fheàrr leam cleachdadh na sgoile a' leantainn le geòlas. Mura lorg sinn tùs earbsach airson eòlas-talmhainn, b'fheàrr leam a ghluasad gu rudeigin nas iomchaidh. --Susan.nls (an deasbaireachd) 13:22, 18 dhen Ghiblean 2017 (UTC)
- 'S fheàrr leam geòlas cuideachd. Chan urrainn dhomh mòran eisimpleirean de "eòlas-talmhainn" lorg. --CreagNamBathais (an deasbaireachd) 08:05, 13 dhen t-Sultain 2022 (UTC)
Iomraidhean
[deasaich an tùs]- ↑ Mark, C. 2003. Gaelic-English Dictionary, d.330
- ↑ Geòlas Miorbhaileach. 20 Giblean 2012. Leughte 18 Giblean 2017.
- ↑ Geòlas, ùir & cruthan-tìre. 19 Iuchar 2012. Leughte 18 Giblean 2017.
- ↑ Hugh Millar's Monument Am Baile. Leughte 18 Giblean 2017.
- ↑ Sònrachadh Duais Eòlas na h-Alba 2014. Leughte 18 Giblean 2017
- ↑ Thar-shealladh air Eachdraidh Lios Mòr le Dòmhnall MacIlleDhuibh, Comann Eachdraidh Lios Mòr. Leughte 18 Giblean 2017.
- ↑ James Hutton Leughte 18 Giblean 2017.
- ↑ Mèinn-Iarainn Ratharsair 17 An t-Sultain, 2008. Leughte 18 Giblean 2017.
- ↑ Bholcàno Loch Abair 17 An t-Sultain, 2008. Leughte 18 Giblean 2017.