Jump to content

Deasbaireachd a' chleachdaiche:Duncan MacCall

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Halò Duncan MacCall, fàilte an seo!

Chuir mi na cànanan eile ris an aiste an t-Seic a-rèir dè na thuirt thu. Ach air an làimh eile, ma bhios mi a' coimhead dè sgrìobh thu air an duilleag-cleachdair agad-sa, tha do chuid Gàidhlig glè mhath. Agus mar sin na bi diùid, fiach e! Chan eil mòran daoine ag obair an seo, mar as trice bidh mi a' coimhead an-dèidh na mùthaidhean ùra co-dhiù (cho math as urrainn dhomh). Saoil, am b' urrainn dhut pios beag a' cur ri Teiceis, mar tha e anns an aiste: Sorbais (eisimpleir)? Cuidich mi thu, ma thogras tu. Neo sgrìobh mu chuspair sam bith eile... Bhiodh e math gad fhaicinn an seo nas trice! Beannachdan --Sionnach 18:43, 31 an Dùbhlachd 2008 (UTC)

(I added the languages as you suggested. But looking at your user page, you Gàidhlig is really good. Next time, try it yourself, don't be shy! Usually there aren't many people working around here, so I´ll be watching it (and correcting it as good as I can) anyways. By the way: can`t you add a little to Teiceis, good example is here Sorbais. I'll help you, if you want to. Or write about something else... It would be nice to see you around here more often!)

Tha mi toilichte sin a chluinntinn! Bliadhna mhath ùr agad-sa cuideachd! --Sionnach 20:15, 31 an Dùbhlachd 2008 (UTC)

Halò, Duncan MacCall, ni mi sin gu dearbh, cho math is urrainn dhomh. (Tha mi fhìn ag ionnsachadh fhathast.) 'S e obair math, math a rinn thu agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin aon de na h-aistean as fheàrr mu chànanan a th' ann. Mòran taing airson na h-obrach seo! Agus tha do chuid Gàidhlig glè mhath cuideachd, chan fhaod tu a bhith diùid a bhith a' sgrìobhadh sa Gàidhlig idir.

Rudeigin eile: Chan urrainn dhut an aiste a ghluasad, air sgàths gu bheil aiste eile ann fon thiotal seo. Le do cheud gluasaidh mi i, ma bhios mi deiseil leis a' cheartachadh. Beannachdan --Sionnach 19:01, 15 an Gearran 2009 (UTC)

Bhiodh e nas fheàrr an aiste gu lèir a ghluasad, air sgàths gur thusa a rinn na h-obrach! Bha mi a' coimhead air eachdraidh na h-aistean, chan bhi trioblaid sam bith ann. Mar sin na dean "copypaste" (chan eil fhios agam ciamar a chanas mi sin sa Gàidhlig nas motha). Ceart ma tha? --Sionnach 19:47, 15 an Gearran 2009 (UTC)
Tha mi duilich ach chan eil mi a' tuigsinn an seantans seo (fo: "An cànan"):
  • Tha beagan bhlais an ear gu bhith cho coltach ri Slobacais 's a tha iad ri Teiceis, agus iad sin air an ear tuath gu bhith cho coltach ri Pòlais.
Dè tha thu ag iarraidh ag ràdh? ( Can rium sa Beurla, ma thogras tu) --Sionnach 20:47, 15 an Gearran 2009 (UTC)
An e Teiceis neo Seacais [1] am facal ceart airson a' chànain? Chanainn Seiceis. A bheil iomraidhean eile agad? Beannachdan --Sionnach 20:44, 17 an Gearran 2009 (UTC)
Ups, rinn mi mearachd, 's e Seacais a bha mi ag iarradh a ràdh. Co-dhiù, ghluais mi an aiste chun an ainm ceart. Mòran taing, 's e obair mhòr a rinn thu. Agus tha mi làn dòchas gum bi thu a' sgrìobhadh tuilleadh an seo (cuspair sam bith a tha inntinneach dhut) neo a' leasachadh/ceartachadh cuid de na h-aiste beaga. Beannachdan --Sionnach 20:37, 18 an Gearran 2009 (UTC)
'S e do bheatha! Bidh na faclan dearg math airson leasachadh neo seall air an liosta seo. Is dòcha gu bheil cuspair inntinneach ann. --Sionnach 17:04, 19 an Gearran 2009 (UTC)

Is math a rinn thu! :-) Is dòcha gu bheil an Category:Cànanachas neo Category:Teirmean gràmair feumail dhut. Beannachdan --Sionnach 22:41, 2 am Màrt 2009 (UTC)

Mòran taing! Tha mi cinnteach gum bi gu h-àraidh an Category:Teirmean gràmair glè fheumail dhomh, agus tha mi a' smaoineachadh gun sgrìobh mi rudeigin goirid eile air an deireadh-seachdain seo ;-). --Duncan MacCall 23:32, 2 am Màrt 2009 (UTC)

Gretna Green

[deasaich an tùs]

Cho fad's a tha fios agam chan eil ainm Gàidhlig ann airson Quintinshill agus Gretna Green, cha do lorg mi dad. Dìreach cleachd an t-ainm Beurla.--Sionnach 09:08, 23 An Cèitean 2009 (UTC)

Ceart gu leòr. Taing airson freagairt luath. --Duncan 09:15, 23 An Cèitean 2009 (UTC)
'S ann a gabh Gretna a litreachadh ann an Gàidhlig. Mar seo: Greatna. Gheibhear e air a litreachadh mar sin air mapaichean Gàidhlig. Cha d' fhuair mi lorg air ainm Gàidhlig sam bith ceangailte ri Quintinshill, ach 's ann a tha Quintin a' buntainn do Laideann, agus 's e A' Chòigeamh is ciall dha. Airson Gretna Green, tha sin a-rèir dè seòrsa "green" a th' ann, ach mas e park no nitheigin leithid sin, chuirinn rudeigin mar "Grianan Greatna" air!--Steaphan30 11:31, 23 An Cèitean 2009 (UTC)
Ach 's e clachan a tha ann an Gretna Green, agus cha do lorg mi càil aig Google air Grianan Greatna - 's dòcha gum bu chòir dhuinn "Greatna" a sgrìohadh air sgàth orthography ach an "Green" a chumail, oir sin mar a tha e coltach gu bheil ga chanar riamh? --Duncan 11:53, 23 An Cèitean 2009 (UTC)
Seadh. 'S dòcha gum bheil thu ceart. --Steaphan30 13:04, 23 An Cèitean 2009 (UTC)
Mòran taing! Tha thu ceart - lorg mi "Greatna" eadhon mar an t-ainm Gàidhlig anns an Wikipedia Bheurla [2]. Mar sin, dh'atharraich mi an t-ainm air na h-aistean an-seo. --Duncan 11:26, 23 An Cèitean 2009 (UTC)

Hi

Is fior thoil leam na h-artagalan agad. Tha iad air leth inntinneach. Chòrd na rudan mu dheidhinn fuaimreagan rium gu h-àraidh. Tha mi 'n dòchas gu bheil e ceart gu leòr ma thèid mi tromhpa, a' ceartachadh beagan gràmair.--Each-uisge 11:18, 27 An Cèitean 2009 (UTC)

Mòran taing. Tha e ceart gu leòr gu dearbh - tha mi toilichte nuair a cheartaicheas cuideigin na mearachdan a tha mi a' dèanamh, mar a rinn thu do Shràc mhall, oir: (1) 's e aon dòigh airson mo chuid Gàidlig a leasachadh agus (2) nas cudromaiche, 's toil leam e nuair a tha na h-aistean "agamsa" ann an Gàidhlig ceart! --Duncan 22:59, 27 An Cèitean 2009 (UTC)

Check request for Şalom.

[deasaich an tùs]

Could you check the article Şalom. There is already an article about Şalom, a Jewish weekly newspaper in Turkey, in Gaelic, but could you check it and if necessary translate it from the other Wikipedia language sites, if you have the time and patience to do so. The reason is that the newspaper Şalom is written (alas one page only) in a highly endangered language called Ladino or Judeo-Spanish, the Spanish of the 15th century. Perhaps this might gain your interest and sympathy.

Thank you.

Tapadh leat

[deasaich an tùs]

Hi Duncan, tha mi duilich faicinn gu bheil thu a' leigeil do dhreuchd dhiot a-nis, ach tha fios agam gu bheil an "Real Live" fada nas cudromaiche na Wikipedia. Mòran taing airson na h-obrach a rinn thu an seo agus na h-aistean a sgrìobh thu. Bha iad uile glè inntinneach is fiosrachail dhomh. Tha mi làn dòchas gum bi thu air ais bho àm gu àm, ann an cànan cho beag mar a tha a' Ghàidhlig, tha a h-uile neach glè, glè chudromach.
Co-dhiù, tha mi an dòchas gum bi nollaig chridheil agus bliadhna mhath ùr agad. Gur math a thèid leat, --Sionnach 06:22, 18 an Dùbhlachd 2009 (UTC)

Mòran taing, a charaid! Mar a tha fhios agad gun teagamh, tha Wikipedia "addictive", 's mar sin tha mi a' smaoineachadh gun coimhead mi an-seo an-dràsda 's a-rithist fiù 's ann an 2010, nuair a bhios an cothrom agam. Anns an eadar-àm, Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr agad fhèin! --Duncan 23:06, 18 an Dùbhlachd 2009 (UTC)

Name change

[deasaich an tùs]

Hi Duncan MacCall, We would like to invite all contributors to take part in the debate to find an appropriate Gaelic form for Wikipedia that doesn't break any rules regarding phonology, intellegibility or forming good neologism. We'd like to invite views/votes from all users here as we'd like to get broad consensus. The debate is here: Name change and - since it involves quite a few technical issues - in English. Le dùrachdan --Sionnach 20:17, 23 dhen Dùbhlachd 2010 (UTC)[reply]