Deasbaireachd:Cailleach an Deucoin
Coltas
A rèir a' bhideo aig youtube 's e Cailleach an Deacoin an t-ainm a bh' air. A bheil fios aig duine sam bith dè an dòigh sgrìobhaidh a bhios ceart: Deucoin neo Deacoin? --Sionnach (an deasbaireachd) 22:13, 14 dhen t-Samhain 2014 (UTC)
- 'S e deucon no diacon an litreachadh ceart, 's e /e:/ no /ia/ an fhuaim agus chan eil deacon 'ga riochdachadh idir, bheireadh sin /dʲɛxgən/ no rud mar sin dhut is tha sin cho cearr 's a ghabhas. Chan eil comas litreachaidh aig torr dhaoine a chuireas rudan air an lìon :/ Akerbeltz (an deasbaireachd) 17:31, 15 dhen t-Samhain 2014 (UTC)
- Ma chanas tu e le blas Leòdhasach, tha e car coltach ri “Cailleach an Éiginn”. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin pàirt den spòrs a th’ann. Seadh, tha ‘eu’ nas fheàrr na ‘ea’. --Caoimhin (an deasbaireachd) 22:37, 16 dhen t-Samhain 2014 (UTC)