Jump to content

Cailleach an Deucoin

O Uicipeid
Cailleach an Deucoin
Beatha
Breith Grabhair, 4 dhen Fhaoilleach 1904
Dùthaich  Alba
Bàs Grabhair, 1983
Dreuchd

Rugadh Murchadh MacMhathain air an 4mh là den Fhaoilleach 1904, aig 25 Grabhar ann an ceann a deas nan Loch air Eilean Leòdhais. 'S e dibhearsanaiche Gàidhlig ainmeil a bh’ ann, a bhiodh a’ nochdadh sna tallaichean baile ann an riochd boireannaich, Cailleach an Deucoin.

Dh'imrich e do Chanada ann an 1925 is dh'obair e an siud agus ann an Detroit. Thill e do dh'Alba ann an 1937 is dh'obair e anns na gàrraidhean-shoithichean ann an Glaschu rè an Dàrna Cogaidh mus do thill e a Ghrabhair far an do dh'obair e air a' chroit, mar bhreabadair agus mar dhibhearsanaiche.

Bhàsaich Murchadh gu h-obann aig a dhachaigh ann an 1983.[1]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Caileach an Deucoin, a Comedian from Gravir”. Ceanglaichean Innse Gall. Air a thogail 4mh dhen Fhaoilleach 2019.