Deasbaireachd:Abhainn Dubh
Coltas
Seo brath a fhuair mi air 2014-02-18 bho Iain Mac an Tàilleir, a rinn an leabhar Place-names of Scotland, ISBN 1780270054, 2011, agus an stòr-dàta seo de dh’ainmean-àite: http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/aite/lorg.php.
- A Chaoimhin Chòir,
- A thaobh River/Firth of Forth, tha an t-uabhas sgudail ann a' Wikipedia co-cheangailte ri ainmean-àite, gu ìre a chionn 's gum bi daoine a' tighinn chun a' chuspair bho thaobh na Beurla, agus a' saoilsinn "ma tha aon ainm air sa Bheurla, bidh aonan air sa Ghàidhlig", ach tha Forth na dheagh eisimpleir air a' chaochladh. Bha na Gàidheil a' roinn na h-Alba ann an dòighean gu math eadar-dhealaichte bho na Goill.
- Tha a' Bheurla a' coimhead air an abhainn bho mhàthair an t-sruth ann an Obar Phuill chun an inbhir ann an Dùn Èideann mar aon abhainn, ach chan ionnan sin sa Ghàidhlig. Tuath air Sruighlea 's e An Abhainn Dubh as ainm dhi agus deas air 's e Uisge For (no an rud ùr seo Abhainn Foirthe (ge b' e cò as a thàinig siud!). 'S e Linn Giùdain a bh' air Firth of Forth ann an Gàidhllig S. Pheairt suas chun na 20mh linn.
- Ma tha Wikipedia Gàidhlig gu bhith dha-rìribh a rèir na Gàidhlig seach na eadar-theangachadh air duilleagan Beurla, bhiodh dà dhuilleig fa leth a dhìth: 1. An Abhainn Dubh, 2. Uisge For.
- Tha Firth of Clyde mar an ceudna. Tha a' Bheurla a' faicinn aon sgìre-mhara agus tha a' Ghàidhlig ag aithneachadh dhà. 1. An Linne Ghlas agus 2. Linne Chluaidh.
- Le dùrachd,
- Iain
--Caoimhin (an deasbaireachd) 01:19, 24 dhen Ghearrain 2015 (UTC)
Start a discussion about Abhainn Dubh
Talk pages are where people discuss how to make content on Uicipeid the best that it can be. You can use this page to start a discussion with others about how to improve Abhainn Dubh.