Abhainn Dubh
Coltas
'S e abhainn ann an Albainn a tha san Abhainn Dubh. Tha i a’ sruthadh bho Loch na h-Àirde anns na Tròiseachan san iar gu ruige Sruighlea san ear.
Bho Shruighlea gu ruige a’ mhuir, ’s e Uisge For a theirear ris an abhainn, ged a theirear River Forth sa Bheurla ris an dà chuid còmhla, an Abhainn Dubh agus Uisge For. Às déidh Sruighlea tha gné na h-aibhne ag atharrachadh, oir ruigidh lìon na mara Sruighlea, agus bha e comasach do bhàtaichean mara bhith a’ seòladh fhad ri Sruighlea.