Darach neo-ghasagach
| Darach neo-ghasagach | |
| Rangachadh saidheansail | |
| Rìoghachd | Plantae |
| Clas | Eudicots |
| Òrdugh | Fagales |
| Teaghlach | Fagaceae |
| Gèineas | Quercus |
| Spèiseas | Q. petraea |
| Ainm saidheansail | |
|---|---|
| Quercus petraea (Mattuschka) | |

'S e craobh a th' ann an darach neo-ghasagach[1] (Laideann: quercus petraea/sessiliflora[2]). Tha e aithnichte mar "sessile oak", "Cornish oak" no "Durmast oak" sa Bheurla. Tha e a' fàs gu nàdarra air feadh na Roinn-Eòrpa is Ioràn.
'S e an darach neo-ghasagach a' chraobh nàiseanta na Cuimrigh.[3] Mar a tha an t-ainm Cornish oak a' sealltainn, tha e na chraobh nàiseanta Còrnach cuideachd.[4][5]
Canar gun robh am "Pontfadog Oak" an darach neo-ghasagach a bu shine anns an Rìoghachd Aonaichte. Dh'fhàs e faisg air Y Waun ann an Cuimrigh a Tuath. Thathar dhen bheachd gun robh e na bu shine na 1,200 bliadhna a dh'aois. Bha cearcall-thomhas de 42 troigh 5 òirlich (12.9 m) aig an stoc-craoibhe agus bha toll anns an stoc-craoibhe. Chaidh i a leagail leis a' ghaoith sa Ghiblean 2013. [6]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ "Quercus sessiliflora Salisb". USDA GRIN Taxonomy for Plants.
- ↑ "Tree trail with worldwide flavour", BBC News, 23.7.2004
- ↑ James Minahan, The complete guide to national symbols and emblems , Volume 1, 2009
- ↑ this is cornwall.co.uk
- ↑ “Pontfadog Oak: 1,200-year-old tree toppled by winds”, BBC News Online. 18mh dhen Ghiblean 2013.
