Donald Trump
Is e fear-seilbh agus fear-leasachaidh Ameireagach a tha ann an Donald John Trump (Eabhraig Nuadh, 14 an t-Ògmhios 1946).
Eachdraidh phearsanta
[deasaich | deasaich an tùs]B' ann às a' Ghearmailt a bha pàrantan athar agus b' ann à Tong, Leòdhas a bha a mhàthair. Thogadh ise ann an croit agus bha Gàidhlig bho thùs aice. Thàinig i do na Stàitean Aonaichte nuair a bha i ochd bliadhna deug a dh'aois agus bha i ag obair mar shearbhanta-bùird ann an stàit Nuadh Eabhraic.[1]
Tha Melanie Trump na threasamh bhean. Tha triùir bhalach is dithis nigheanan aige.
Tha Trump an sàs ann am mòran chompanaidhean, mar eisimpleir "Trump Hotels" agus casinothan. Bhristidh an gnothaichean aige sia àm eadar 1991 is 2009.[2][3] Thuirt Trump ann an 2011, "I do play with the bankruptcy laws – they're very good for me."[4][5]
Thuirt e cuideachd gun do rinn an IRS modh-sgrùdadh dha chìsean a h-uile bliadhna o choinn dà bhliadhna deug agus, "I fight very hard to pay as little tax as possible."[6][7] Tha Trump a' diùltadh a chìsean fhuasgail, oir a tha an IRS modh-sgrùdadh a dhèanamh a aghaidh.[8][9] Dh'fhuasgail a h-uile tagraiche cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte o choinn 1976.[10][11]
Dhubh-chàineadh e airson droch-chainnte gnèitheachais, agus thilg 15 boireannach air gun do chlaoidh e iad gu sàrachadh cleamhnasach.[12]
Bha fanaid Trump air fear-naidheachd ciorramach Serge Kovaleski agus seanadair John McCain anns na naidheachdan Aimeireagach.[13] Bha McCain na phaidhleat anns an Cogadh Bhiet-Nam agus leònadh e ann an tubaist; bha e na chiomach còig bliadhna fo chreòtachd ùghdarras Bhiet-Nam a Tuath. Thuirt Trump, "'S fheàrr leam duine nach do ghlacadh a-riamh."[14]
Trump mar fear-poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]Sheas Trump airson taghadh mar ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2012, ach chiall e anns a' chiad thaghadh.
Air 8 an t-Samhain 2016 bhuannaich e taghaidhean nan Stàitean Aonaichte, a' chiad neach a rinn seo a-riamh an aonais eòlas anns an Arm air neo poileataigs,[15] gidheadh fhuair Hillary Clinton faisg air trì millean bhòtan a barrachd, agus Mike Pence na iar-cheann-suidhe.[16]
Air 20 am Faoilleach 2017, rinn e òrdan toirmisg innteirte daoine às seachd dùthaich Muslamach: Ioràc, Ioràn, Libia, Somàlia, Sudan, Siria agus Iemen.[17] Bhòt Taigh nan Riochdairean airson impeachment an aghaidh ann an 2019.[18]
Chaill e taghadh a' chinn-suidhe ann an 2020 is ann an 2021 thug e misneachd do luchd-taic a thug ionnsaigh air togalach a' Chapitol, far a bheil Pàrlamaid nan Stàitean Aonaichte is i a' dearbhadh gum bi Joe Biden an t-ath-cheann-suidhe. Chaochail ceathrar anns an fhòirneart[19] agus aonar eile an dèidh sin.[20] Chaidh Mgr Trump a thoirmeasg bho Twitter.[21]
Trump ann an litreachas agus ceòl
[deasaich | deasaich an tùs]Rinn Mànran, còmhlan-ciùil folk-ròc Ghàidhlig is Bheurla, òran dà-chànanach mu a dheidhinn, "An Dà Là."
Bhuannaich duanag Bheurla Ghallda le Lorna Wallace às Cill Mheàrnaig duais Raibeirt Burns ann an Sealainn Nuadh. Tha "A Scot’s Lament fur her American Fellows (Oan their election of a tangerine gabshite walloper)" na thiotal an dàin.[22]
Rinn Joseph Charles McKenzie dàn a mholaidh gu snòdarsaich "the Domhnall, the best of MacLeod!" Tha an dàn ag spreigeadh a nàimhdean do a h-uile rud air a shon a dhubh-chàineadh Trump fhèin, mar eisimpleir dòlas luchd-imriche agus fèinealachd. Tha McKenzie na bhàrd ainmeil Aimeireagach is na bhall Society of Classical Poets.[23]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Hannan, Martin (May 20, 2016). "An inconvenient truth? Donald Trump's Scottish mother was a low-earning migrant". The National. Retrieved November 19, 2016.
- ↑ Hood, Bryan (June 29, 2015). "4 Times Donald Trump's Companies Declared Bankruptcy". Vanity Fair News. Retrieved January 17, 2016.
- ↑ Li, Hao (April 12, 2011). "Donald Trump Questioned on His Bankruptcies". International Business Times. Retrieved February 19, 2015.
- ↑ Stone, Peter (May 5, 2011). "Donald Trump's lawsuits could turn off conservatives who embrace tort reform". The Center for Public Integrity. Retrieved March 14, 2016.
- ↑ Kurtz, Howard (April 24, 2011). "Kurtz: The Trump Backlash". Newsweek. Retrieved March 14, 2016.
- ↑ Kopan, Tal (May 13, 2016). "Trump on his tax rate: 'None of your business'". CNN.
- ↑ Wilhelm, Colin (January 24, 2016). "Trump vows to release his tax returns". Politico. Retrieved February 22, 2016.
It's a little tax
- ↑ "Trump says he can't release tax returns because of audits". CNN. February 26, 2016. Retrieved February 26, 2016.
- ↑ Browning, Lynnley (February 26, 2016). "Trump's 12 Years of Audits 'Very Unusual,' Ex-IRS Agent Says". Bloomberg. Retrieved February 26, 2016.
- ↑ “Presidential Tax Returns” (Beurla). Tax History Project. Air a thogail 2na dhen Ghearran 2017.
- ↑ Rappeport, Alan (May 11, 2016). "Donald Trump Breaks With Recent History by Not Releasing Tax Returns". The New York Times. Retrieved July 19, 2016.
- ↑ "Summer Zervos Suing Donald Trump for Defamation". 17 January 2017. The Daily Beast. Retrieved 17 January 2017.
- ↑ Fanaid Trump air fear-naidheachd ciorramach (Beurla)
- ↑ Fanaid Trump air seanadair John McCain (Beurla)
- ↑ El Pais
- ↑ “Presidential Election Results: Donald J. Trump Wins”, The New York Times. Air a thogail 20mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Powell, Rebeka: “Protesters descend on US airports rallying against Trump's immigration policies”, ABC News. 29mh dhen Fhaoilleach 2017. Air a thogail 30mh dhen Fhaoilleach 2017.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 19mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2020.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”. 7mh dhen Fhaoilleach 2020. Air a thogail 8mh dhen Fhaoilleach 2020.
- ↑ Evelyn, Kenya: “Capitol attack: the five people who died”, The Guardian. 8mh dhen Fhaoilleach 2021. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2020.
- ↑ “Twitter 'permanently suspends' Trump's account”, BBC News. 9mh dhen Fhaoilleach 2020. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2020.
- ↑ Artaigil mu dheidhinn "A Scot’s Lament fur her American Fellows (Oan their election of a tangerine gabshite walloper)" (Beurla)
- ↑ Artaigil mu dheidhinn dàn MhicKenzie (Beurla)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Naidheachdan 2015-05-15: Airgead mòr do Bhethesda
- BBC Naidheachdan 2015-07-27: Dachaigh-cùraim Bhethesda ga leudachadh
- BBC Naidheachdan 2016-11-10: Beachdan measgaichte ann an Leòdhas mun cheann-suidhe ùr (aithris-bhideo 1:39)
- BBC Naidheachdan 2016-11-10: Dùbhlan Dòmhnaill - beachd bho fear-naidheachd poileataigeach Niall O'Gallagher]
- BBC Naidheachdan 2017-01-19: Sùil air na ceanglaichean a th' aig Dòmhnall Trump ri Leòdhas (aithris-bhideo 3:22)
- BBC Naidheachdan 2021-01-14: Trump agus Turnberry – dè a-nist?
- Artaigil anns "The National" mu dheidhinn toirmisg innteirte daoine (Gàidhlig)
- "An Dà Là" aig seanail Youtube oifigeil Mhànrain
- MacAoidh, Derek: “Connspaid às ùr mu bhriathrachas san iomairt”, Naidheachdan a' BhBC. 1d dhen t-Samhain 2024. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2024.
- “Dòmhnall Trump a' dol às àicheadh faisisteachd”, Naidheachdan a' BhBC. 1d dhen t-Samhain 2024. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2024.
George Washington · John Adams · Thomas Jefferson · James Madison · James Monroe · John Quincy Adams · Andrew Jackson · Martin Van Buren · William Henry Harrison · John Tyler · James K. Polk · Zachary Taylor · Millard Fillmore · Franklin Pierce · James Buchanan · Abraham Lincoln · Andrew Johnson · Ulysses S. Grant · Rutherford B. Hayes · James A. Garfield · Chester A. Arthur · Grover Cleveland · Benjamin Harrison · Grover Cleveland · William McKinley · Theodore Roosevelt · William Howard Taft · Woodrow Wilson · Warren G. Harding · Calvin Coolidge · Herbert Hoover · Franklin D. Roosevelt · Harry S. Truman · Dwight D. Eisenhower · John F. Kennedy · Lyndon B. Johnson · Richard Nixon · Gerald Ford · Jimmy Carter · Ronald Reagan · George H. W. Bush · Bill Clinton · George W. Bush · Barack Obama · Donald Trump · Joe Biden |