Dòmhnall MacPhilip

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Bhuineadh Dòmhnall MacPhilip (Faoilleach 1926 - 2004), do Bheàrnaraigh na Hearadh.

Chuir e seachad tòrr dhe bheatha ann an Gleann Comhann. 'S e bàrd ealanta a bh' ann aig an robh comasan ciùil cuideachd agus chleachd e a chuid thàlantan airson tòrr òrain Ghàidhlig ùra a chur ri chèile.

Aig àm an Dàrna Cogaidh Mhòir, chaidh e do Chabhlach an Rìgh. A dh'aindeoin seirbheis a thug e air na h-Atlantic Convoys, thàinig e sàbhailte às. Bha Dòmhnall ann an obraichean eadar-dhealaichte an dèidh a' chogaidh. Thug e 25 bliadhna na mhaor-sìth an Glaschu agus thug e greis aig Oifis nan Cìsean. Bha e aig obair na h-ola ann an Àird nan Saor agus bha e ag obair ann am banca an Inbhir Nis.

Òrain[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Coill' an Fhàsaich an t-òran as ainmeile a rinn e. Rinn BBC Radio nan Gaidheal prògram mu dheidhinn ann an 2015.

Foillseachaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]