Jump to content

Călărași

O Uicipeid
Călărași
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Călărași
Co-chomharran 44° 11 40' Tuath
27° 20 07' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 114.33 km²
Àireamh-shluaigh 65,181 (2011)
Dlùths 570.11/km²
Àireamh fòn +40 02 42
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhannach eadar Giurgiu agus Slobozia, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann an Călărași (IPA: ˈkələˈraʃʲ). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Danube, aig 13m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Călărași. Tha 65,181 duine a' fuireach ann.[1]

Chaidh an t-ainm Călărași a chlàradh airson a' chiad turais ann am mapa a dhealbhaich Constantin Cantacuzino ann an 1700, ged a chanadh Lichirești agus uaireannan Știrbeiu (1852 - 1881) ris a' bhaile roimhe. 'S ann às an fhacal călăreți (Gàidhlig: luchd-eich) ann an Romàinis 's a tha an t-ainm leis gu robh luchd-eich a' geàrdachadh nan crìochan le Impireachd nan Otomanach.[2] 'S ann à lăcaș (Gàidhlig: tèarmann) 's a tha Lichirești, o chionns' gun do thogadh eaglais san sgìre sna meadhann aoisean. Bhuinneadh e do Țara Românească bho thùs gu ruige 1859. Thòisich maragaidh seachdainneil ann an Călărași ann an 1734. Bha seirbheis sonn-mharcaich ann tron 18mh Linn. Thug a' phlàidh droch bhuaidh air a' bhaile eadar 1828 agus 1830 agus rinn a' bhuainneach mhòr an aon rud ann an 1831. A dh'aindeoin sin, chaidh ainmeachadh prìomh-bhaile na siorrachd ann an 1833.[3] B' ann air 1 an t-Sultain 1944 a thuit am baile gu feachdan an Aonaidh Sobhiataich, aig deireadh An Dàrna Cogaidh.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Institutul Național de Statistică
  2. Constantin Tudor, Istoria orașului Călărași, Editura Agora, Călărași, 2008.
  3. Dr. Pompei Samarian, Istoria orașului Călărași de la origine până în anul 1852, Institutul de Arte Grafice E. Marvan, Bucharest, 1931.
  4. Radio România Cultural