Currach Cuimreach

O Uicipeid
Coracles air an Abhainn Teifi, Cuimrigh an Iar sa bhliadhna 1972.

'S e bàta tradaiseanta a th' ann an Currach Cuimreach (Cuimreis: Cwrwgl; Beurla: coracle). Chaidh a chleachdadh gu tradaiseanta anns a' Chuimrigh, ach bha e rim faicinn cuideachd ann an ceann a deas is san taobh an iar-dheas Shasainn, ann an Èirinn, gu h-àraidh air Abhainn na Bóinne,[1] agus ann an Alba, gu h-àraid air an Uisge Spè, anns na h-Eileanan Siar is san iar-thuath na dùthcha.

'S e bàta ugh-chruth a th' ann a tha coltach ris an dàrna leth de shlige gall-chnò, Tha an crannaghal air a dhèanamh le geugan seileach. Cuirear craiceann eich no craiceann bollaige a tha air a thearradh timcheall air na geugan. Tha an currach Cuimreach beag agus aotram agus bha e cudromach gun gabh am bàta a ghiùlain air druim fir a-mhàin. Tha seann fhacal Cuimreach ag ràdh: 'Llwyth dyn ei gorwgl'— the load of a man is his coracle.

Ged nach eil na bàtaichean uabhasach sàbhailte, tha iad math airson iasgach air sgàth 's gu bheil iad a' gluasad air bàrr an uisge agus mar sin cha chuir iad an teicheadh air na h-eisg.

Thàinig am facal "coracle" bhon fhacal Cuimreach cwrwg, facal a tha ceangailte leis an fhacal Gàidhlig currach. Nochd e anns a' Bheurla anns an 16mh linn mar corougle, corracle, curricle is coricle. Cleachdar am facal "coracle" cuideachd airson bàtaichean coltach ris a chithear anns na h-Innseachan Ioràc, Bhiet-Nam agus Tibet.[2]

  • Na h-Innseachan – parisal
  • Ioràc – gufa, guffa or quffa
  • Tibet – ku-dru and kowas
  • Bhiet-Nam – thung-chai

Ann an 1990 chaidh an "Coracle Society" a stèidheachadh le Sir Peter Badge anns an Rìoghachd Aonaichte.

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Evans, E. Estyn (2000): Irish Folk Ways. Courier Dover Publications, td. 233. ISBN 978-0-486-41440-9. 
  2. The coracle, an ancient little boat

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]