Craiova
Craiova
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Dolj | ||||
Co-chomharran | 44° 19 00' Tuath 23° 48 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 81.41 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 269,506 (2011) | ||||
Dlùths | 3,310.48/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 51 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Vidin agus Slatina, air an àirde an ear-dheas Romàinia a th' ann an Craiova (IPA: kraˈjova ). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Jiu, aig 100m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Dolj. Tha 269,506 duine a' fuireach ann.[1] 'S e taighean-gnìomhachais chàraichean Ford a th' ann bun-stèidh eaconomaidh a' bhaile.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann às as fhacal airson Krajl (togail fearrain) ann an Slabhais air 's a tha ainm a' bhaile. Chaidh Craiova a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1448. Bhuinneadh e do Țara Românească gu guige 1859, a bharrachd air 21 bliadhna fo sgàil na h-Ostaire, bho 1718 gu ruige 1739. Bha e na phrìomh-bhaile Țara Românească eadar 1770 agus 1771 agus an Cogadh Ruisianach-Turcach a' sgiursadh na dùthcha. Thug Crith-thalmhainn ann 1790 agus a'Phlàigh ann an 1795 buaidh làidir air Craiova. Rinn feachdan Osman Pazvantoğlu sgrios air a' bhaile ann an 1800 agus loisg iad a h-uile càil.[2] B' ann ann an sgoil armailteach a fhuair an deachdaire Faisisteach Ion Antonescu a chuid foghlaim.[3] San dàrna leth na 20mh Linn b' ann ann an Craiova a dhèanadh càraichean Olcit, Citroën agus Daewoo.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Mihai Viteazul (1558 - 1601)
- Corneliu Baba (1906 - 1997)[4]
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Institutul Național de Statistică
- ↑ Djuvara, N., Între Orient și Occident. Țările române la începutul epocii moderne, Humanitas, Bucharest, 1995.
- ↑ Paul I. Dicu, ann am Biografiile profesorilor universitari Emanoil N. Antonescu, Eftimie N. Antonescu, Mihail A. Antonescu și Istrate N. Micescu, Argesis VIII, Studii și comunicări, seria Istorie, Pitești, 1999.
- ↑ Şuşară, P.: Corneliu Baba, Parkstone, Lunnainn, 2001, ISBN 1-85995-745-5.