Copacabana
Copacabana
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá) | ||||
Àirde | 1454m | ||||
Co-chomharran | 6° 20' Tuath 75° 30' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 70 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 61,421 (2005) | ||||
Dlùths | 877.44/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Copacabana |
' S e baile-mòr anns A' Ghleann Aburrá a tha ann an Copacabana. Tha e faisg air Medellín ann an Antioquia,[1] Coloimbia. Tha Copacabana na phàirt dhen Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín. 'S e Copacabana an 72mh baile as motha na dùthcha.[2] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1615.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar ag ràdh gur ann à Cawana, Ban-dia nan Aymara, a thàinig an t-ainm Copacabana, leis gu bheil e sgaoilte air feadh Aimearaga a Deas.[3] Ach tha feadhainn eile a' cumail gur e facal Quechua a'th'ann, bho Coppa (Gorm) neo Copa (Solleir) agus Kahuana (Sealladh).[4]
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 61,234 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 8,405 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Copacabana, ach tha 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.4% dhe na daoine ann an Copacabana leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 94.6% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Copacabana. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mapa oifigeil na roinne[dead link]
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ La Prensa[dead link]
- ↑ Enciclopedia de Antioquia[dead link]
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia