Coirce
Coirce | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Plantae |
Clas | Liliopsida |
Òrdugh | Poales |
Teaghlach | Poaceae |
Gèineas | Avena |
Spèiseas | A. sativa |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Avena sativa L. (1753) |
'S e a th' ann an coirce (Avena sativa) seòrsa gràn no sìol a thathas a' fàs airson a' phòir aige. Thathar ga chur airson connlach do bheathaichean, (gu h-àraid sprèidh is eich), agus airson biadh a dhèanamh do dhaoine, mar eisimpleir mìn-choirce, no coirce air a phronnadh le inneal.
Tùs
[deasaich | deasaich an tùs]Tha coirce an latha an-diugh (Avena sativa) agus mion-bhàrr eile (Avena byzantina) a' buntainn ri coirce-fiadhain (Avena sterilis). Thathar dhen bheachd gun tàinig e à sgìre sa Mheadhan-Ear, a' gabhail a-steach pàirt dhen Èipheit.
Àiteach
[deasaich | deasaich an tùs]Tha coirce ga fhàs air feadh roinnean tlàth. Chan eil ach teas ìosal a dhìth air as t-samhradh, agus seasaidh e ro uisge nas fheàrr na gràn eile mar chruithneachd, seagal no eòrna. Mar sin dheth, tha e na bhàrr bunaiteach ann an àiteachan far am bheil samhraidhean fliuch fionnar mar iar-thuath na Roinn Eòrpa, agus fiù 's cho fada tuath ri Innis Tìle. Tha eachdraidh mhòr aig coirce ann an Alba. 'S e lus bliadhnail a th' ann, agus thèid a chur aon chuid as t-fhoghar (airson buain deireadh an t-samhraidh), no as t-earrach (airson buain tràth an fhoghair).
Min-choirce
[deasaich | deasaich an tùs]Thathas a' bleith coirce gus min-choirce a dhèanamh. Bha min-choirce na phàirt bunaiteach ann an diathad traidiseanta muinntir na h-Alba, agus thathar ga chleachdadh fhathast ann an iomadh dòigh.
'S iomadh bhiadh a bhathas agus a thathas a' dèanamh de mhin-choirce ann an Alba:
- Tha aran-coirce no bonnach na bhiadh cumanta fhathast ann an Alba. 'S iomadh chomas a th' aca; thèid a ghabhail le brot an àite aran, airson biadh na maidne le silidh. Is tric a bhios daoine gan gabhail le càise, agus tha iad ri fhaicinn air clàran taighean-bidhe cuideachd. Tha aran-coirce air a dhèanamh de mhin-choirce garbh, beagan geir, salainn, agus uisge teth. Thathar ga fhuine ann an àmhainn, no ga bhruich air greideal.
- Tha caochladh thionndaidhean de dh'ullag. 'S e min-choirce tioram le siùcar a th' ann an ullag Siorrachd Rois an Iar [1] a bhathas a' toirt do chloinn air an annas. 'S e min-choirce ùr-bhleithte, measgaichte na dhòrlach le uisge, bainne no uisge-beatha a th' ann an ullag Ghallaibh, Chataibh agus Leòdhais. Bhathas ga ghabhail gun a bhith ga fhuine idir. An dèidh sin agus na dhèidh, tha tionndadh eile air ullag. Sìol eòrna a bhathas a' caoineachadh ann am poit, cho luath 's a bha e air a bhuain, gus an robh e donn. Bhathar an uairsin ga bhleith air a' bhrà, a' cur uisge teth ris agus salann.[2]
- 'S e min-choirce agus uachdar a th' ann an stapag-bharra, le siùcar air a chur ris uaireannan.
- Tha crannachan na mhìlsean de mhin-choirce grèidhte, uachdar, mil, uisge-beatha agus sùbhagan-craoibhe. Gun sùbhagan-craoibhe, 's e dìreach stapag a bhios air. Tha crannachan measail air feadh na h-Alba, agus gheibhear diofar thionndaidhean air, mar eisimpleir le aran-milis anns a' bhàrr aig an taigh-bìdh ainmeil The Three Chimneys anns an Eilean Sgitheanach. [3]
- 'S e brot de mheòg air a thiughachadh le min-choirce a th' ann an eanraich no brot-eanraich.
- 'S e deoch de mhin-choirce ga chur mun cuairt ann an uisge fuar a th' ann am fuarag. 'S e an aon rud a bh' ann an deoch-gheal a bhite a' toirt dhan bhò.
- 'S e deoch de mhin-choirce, salann agus uisge goileach a th' ann an stiùireag. Tha e tana mar dheoch-bhrochain, seach tiugh mar bhruthaist. Bhite ga sìoladh agus ga toirt chun bhò.
- 'S e deoch de mhin-choirce, siùcar no mil agus uisge-beatha a th' ann an ròmag. Bidh uachdar air a chur ris uaireannan.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Wentworth, Roy (12mh dhen Dùbhlachd 2023): Faclan is Abairtean à Ros an Iar. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2024.
- ↑ Faclair Gàidhlig gu Beurla Le Dealbhan;Èideard Dwelly; Foillsichte le Gairm ISBN 1-84158-109-7
- ↑ http://www.rampantscotland.com/recipes/bldev_recipe_cranachan.htm Reasabaidhean Albannach