Codăești
Codăești | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Romàinia |
Ceàrn | Vaslui |
Co-chomharran | 46° 52 10' Tuath 27° 44 34' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 68.47 km² |
Àireamh-shluaigh | 4,362 (2011) |
Dlùths | 63.71/km² |
Àireamh fòn | +40 02 35 |
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile beag eadar Iași agus Vaslui, air an àirde an ear-thuath Romàinia a th' ann an Codăești (IPA: ˈkoˈdəet͡ʃʲ). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Codăești fhèin, aig 129m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Vaslui. Tha 4,362 duine a' fuireach ann.[1] Tha ceithir clachan ann: Codăești fhèin, Ghergheleu, Pribești agus Rediu Galian. 'S ann air àiteachas 's a tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thàinig Iùdhaich dhan sgìre san 18mh Linn agus bha coimhearsnachd làidir agus beòthail ann gu ruige an Uile-losgadh Nàsach. Chan eil Iùdhach no Iùdhach air fhàgail sa bhaile an latha an-diugh. Ann an 1949, chaidh Pavel Coman, sagart Codăești, a chur an greim agus dhìteadh airson traoidhtearachd agus ceannairceachd an aghaidh Riaghaltas Comunnach na dùthcha.[2]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Ana Pauker (1893–1960), neach-poileataigs.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Institutul Național de Statistică.
- ↑ Ziarul Lumina
- ↑ Robert Levy, Ana Pauker: The Rise and Fall of a Jewish Communist, Berkeley: UCP, 2001, ISBN 0-520-22395-0.