Jump to content

Cobhair:Cleachdadh

O Uicipeid
Susbaint Cleachdadh Uicipeid Deasachadh Puingean cudromach Fòrmatadh Cruthachadh cunntais Duilleagan Deasbaireachd


Tha iomadh dòigh ann Uicipeid a chleachdadh.


  • Airson artaigil a lorg cuir ainm na h-aiste anns a' bhocsa aig bàrr na duilleige air do làimh dheas far a bheil am facal “Lorg” sgrìobhte. Gheibh thu liosta de na h-artaigilean a bhios ceangailte leis an ainm seo. Briog air am fear a tha thu ag iarraidh.
  • Le “anns a bheil….” gheibhear a h-uile aiste anns a bheil am facal a lorgas tu a' nochdadh.
  • Ma bhios uidh agad cò sgrìobh an aiste seo thèid gu “Seall an eachdraidh” aig bàrr na duilleige den aiste. Tha an eachdraidh a' sealltainn nan atharrachaidhean a bha air a dhèanamh anns an aiste seo, cò rinn iad agus dè chuir an cleachdaiche ris an artaigil.


Ath-chleachdadh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Ma tha thu ag iarraidh susbaint na Uicipeid a chleachdadh ann an àite eile, dèan e. Ged a tha susbaint na Uicipeid “saor as an-asgaidh”, feumaidh URL den duilleig a bhith aig an ath-chleachdadh airson sealltainn gun robh an artaigil a' tarraing bho Uicipeid agus feumar an ath-chleachdadh fhoillseachadh fon chead CC-BY-SA 3.0 cuideachd.
  • Tha na h-innealan “Luchdaich a-nuas mar PDF” agus “Tionndadh a ghabhas a chlò-bhualadh” anns a' bhogsa “Clò-bhuail/às-phortaich” air do làimh chlì gad chuideachadh le sin air sgàth 's gu bheil an cead ceart fèin-obrachail aca.


an ath-cheum: Deasaich