Jump to content

Cobhair:Deasaich

O Uicipeid
Susbaint Cleachdadh Uicipeid Deasachadh Puingean cudromach Fòrmatadh Cruthachadh cunntais Duilleagan Deasbaireachd


Faodaidh neach sam bith, thusa cuideachd, cha mhòr aiste sam bith a dheasachadh is a leudachadh no artaigeil ùr a chruthachadh. Ma chì thu dòigh gus duilleag a leasachadh, bi dàna agus dèan e!


Deasaich duilleag

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Briog air “deasaich” a nochdas air bàrr na duilleige (no am broinn nan aistean fada).
  • Thèid don àite far a bheil a' mhearachd agus ceartaich i, no cuir na leasachaidhean agad ris an teacsa a th' ann.
  • Aig bonn na duilleige cuir “gearr-chunntas” ann mu na h-atharrachaidhean a rinn thu: m.e. ceartachadh mearachd-chlò, ainm ùr ceannard na dùthcha…, mar sin bi e nas fhasa do chleachdaichean eile fhaicinn na rinn thu.
  • Briog air “Seall an ro-shealladh”, chìthear am bi na h-atharrachaidhean agad a’ nochdadh anns an dòigh a tha thu a’ iarraidh.
  • Ma bhios a h-uile rud ceart gu leòr briog air “Sàbhail an duilleag”.

Dealbhan agus Meadhanan

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha stiùireadh air mar a chuireas dealbhan agus meadhanan an gnìomh air an duilleag Cobhair:Dealbhan.

Cruthaich artaigil ùr

[deasaich | deasaich an tùs]
Mar a chuireas tu artaigil ùr ris.
Uaireannan chan faigh thu artaigil a tha thua a' lorg ach ceangal dearg. No uaireannan chìthear ainmean dearga anns na h-aistean. Tha sin a' sealltainn, nach eil aiste mun chuspair seo ann an-dràsta. Mar sin, faodaidh tu an aiste seo a chruthachadh. Dèan cinnteach nach eil aiste eile ann fo ainm eile no dlighe-sgrìobhaidh eile. Agus smaoinich ro làimh: a bheil an cuspair seo àraidh air aiste ann an leabhar-eòlais na Gàidhlig?
  • Cuir ainm na h-aiste ùir ann an “Lorg”. Bu chòir ainm ciallach a bhith ann.
  • Briog air a' cheangal dhearg.
  • Cuir an teacsa agad sa bhogsa gu h-ìosal anns an dearbh dòigh 's tha ri faicinn fo Deasaich. Cleachd an “Seall an ro-shealladh” gus bi thu toilichte leis an artaigil agad.
  • Feumaidh eadar còig is deich seantansan a bhith anns an artaigil le tùs iomchaidh agus dealbh/bogsa fiosrachadh (ma bhios iad ann). Chan eilear ag iarraidh stuban nas lugha na sin.
  • An uair sin buail air “Sàbhail an duilleag”.

Ceangail dha na cànanan eile

[deasaich | deasaich an tùs]

Mu deireadh thall, bhiodh e math ceangal dha na h-Uicipeidean eile a chur ris.

  • Tadhail air Uicipeid ann an cànan eile, can Wikipedia Beurla agus cuir ainm na h-artaigil sa Beurla ann an “Search” gus faighinn a-mach dè an t-ainm a tha air an aon duilleag aca. Can gu bheil thu a' sgrìobhadh artaigil air Glaschu, lorg airson "Glasgow" ann.
  • Air an duilleag agad fhèin (can "Glaschu"), chì thu earrann "Cànain" aig bonn a' chlàir-thaice air an taobh chlì. Ma chì thu cànan sam bith air an liosta, cha leig thu leas dad a dhèanamh. Mura faic, briog air a' cheangal "Cuir ceanglaichean ris" aig bonn na h-earrainn agus nochdaidh còmhradh.
  • Cuir còd a' chànain eile ann, seo "en" airson na Beurla, no "de" airson na Gearmailtis, mar eisimpleir.
  • Cuir ainm na duilleige sa chànan eile ann, seo "Glasgow" sa bhall-eisimpleir againn. Cha leig thu leas a-nis ach dèanamh cinnteach gun do nochd an duilleag cheart agus briogadh air na putanan gus am bi e deis.
  • Na biodh cus eagal ort gun dèan thu mearachdan. Tha a h-uile dreach de gach duilleig taisgte anns an stòr-dàta. Gabhaidh a h-uile deasachadh a lorg ann an eachdraidh na duilleige, agus mar sin gabhaidh seann lethbhreac a chur air ais ma bhios feum air sin.


an ath-cheum: Puingean cudromach