Jump to content

Cobhair:Puingean cudromach

O Uicipeid
Susbaint Cleachdadh Uicipeid Deasachadh Puingean cudromach Fòrmatadh Cruthachadh cunntais Duilleagan Deasbaireachd


Ma chuireas tu ri Uicipeid 's iad na trì puingean as riatanaiche is as cudromaiche:


Neo-phàirteachd

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Sgrìobh na teacsaichean ann an dòigh cuspaireil a bhios tuigsinneach do chuideigin nach eil eòlach air a' chuspair seo. Cleachd seantansan slàn. Is dòcha gu bheil dearbhair-litreachaidh na Gàidhlig cuideachail.
  • Sgrìobh na h-aistean ann an dòigh neo-phàirteach, chan eil do bheachdan pearsanta a' cunntadh. Feumaidh modh-sgrìobhaidh gun chlaon-bhàighean a bhith air na h-aistean le beachdan an aghaidh a bhith taisbeanta gu cothromach is gu co-mhothachail.
  • Cleachd tùsan, ma bhios iad ann, cuir ris cò às a tàinig am fiosrachadh agad.
  • 'S e leabhar-eòlais a th' ann, chan e fòram, bòrd-brath no àite airson sanas-reic a th' ann.


An cead CC-BY-SA 3.0

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Sgrìobh na teacsaichean leat fhèin. Na dèan “copy and paste” idir, idir. Tha e coma mas e à duilleagan làrach-lìn, leabhraichean no bho artaigilean eile a th' annta. Mar is trice chan eil iad foillsichte fo chead CC-BY-SA.
  • Tha uile na cuideachaidhean ri Uicipeid air an leigeil mu sgaoil fo chùmhnantan Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 (ron 15mh Iuchar 2009 fon Chead GNU Aithriseachd Saor). Ann an gearr-chunntas tha sin a' ciallachadh gu bheil e ceadaichte teasaichean Uicipeid a chleachdadh a-rithist saor an-asgaidh.


Sìobhaltachd

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Bidh modhail, mur eil thu ag aontachadh le rudeigin ann an aiste, cleachd an duilleag deasbaireachd a tha aig gach aiste airson co-dhùnadh fhaighinn. Chan eil Uicipeid ag obrachadh gun urram is sìobhaltachd a-rèir a chèile.


an ath-cheum: Fòrmatadh