Cleachdaiche:Sionnach/SF

O Uicipeid
Saterfrisisch/Seeltersk
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

1500 - 2500

Teaghlach-chànan

Cànain Ind-Eòrpach

  • Cànain Gearmanach
    • Cànain Gearmanach an Iar
      • Frìosais
        • Frìosais an Ear
          • Saterfriesisch
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil a' Ghearmailt
ISO 639-2 frs
ISO 639-3 stq

'S e Seeltersk am mion-chànan as lugha anns a' Ghearmailt.

Canar Saterfriesisch no Saterländisch rithe sa Ghearmailtis [1] no Saterlandic Frisian [1] no Eastern Frisian(Frìosais an Ear)[2] sa Bheurla.

Teaghlach cànain[deasaich | deasaich an tùs]

’S e cànan Ind-Eòrpach a tha ann. Tha trì cànanan Frìosach anns a’ bhuidhinn seo: Frìosais an Iar a tha ga bruidhinn anns an Òlaind agus Frìosais a Tuath is Frìosais an Ear, no Saterfriesisch/Seeltersk anns a’ Ghearmailt.

Tha an cànan fada nas iomadh-fhillte na Gearmailtis, mar sin chan eil e furasta ri ionnsachadh. Mar eispimpleir: Tha 16 dà-fhogharan (Diphthong) ann an Saterfrisisch, ach dìreach 3 anns a’ Ghearmailtis, agus tha i gu math eadar-dhealaichte a thaobh gràmair, m.e.: tha in-fhilleadh nan gnìomhairean/Beugung der Verben fada nas toinnte. [3]

Tha SF dlùth cheangailte ri Gearmailtis agus Beurla mar a chithear anns na h-eisimpleirean a leannas:

SF Gearmailtis Beurla
Gouden dai Guten Tag Good Day*
ätter nach after
hie ron mie ätter er lief mir nach he ran after me**
  • a rèir P. Kramer [4] ** a rèir M. C. Ford[3]

Eachdraidh a' chànain[deasaich | deasaich an tùs]

Glas: Roinnean far an robh Frìosais ga bruidhinn
Glas stiallach: roinnean le Frìosais an-diugh

Bha Frìosais air a bruidhinn le treubhan eadar-dhealaichte anns a’ Ghearmailt agus anns an Òlaind timcheall air costa a' Chuan a Tuath. 'S e an Lex Frisionum, sgrìobhainn às an 8mh linn, a’ chiad tùs cudromach. Le sin thug an t-ìompaire Tearlach Mòr fhèin-riaghlachd do na Frìosaich air sgàth 's gun robh iad a' dìonadh taobh tuath den ìompaireachd aige. 'S e sin am friesische Freiheit (Saorsa Fhrìosach) a stèidhich fèin-aithne den t-sluagh a tha gu math làidir gus an latha an-diugh.[5]

'S e leabhar lagh às 13mh linn a tha ann am Brockmerbrief (Litir Bhrockmer) a chaidh a sgrìobhadh gu tùr ann am Frìosais. Tha seo a' toirt fianais gum biodh an cànan air a chleachdadh anns gach raon aig an àm ud. Ach aig deireadh an 15mh linn dh’atharraich an suidheachadh poileataigeach, chaidh sgìre nam Frìosach fo smachd rìgh Sagsainnich. 'S e sin as adhbhar gun do dh’atharraich an creideamh bhon Eaglais Chaitligich chun na h-Eaglais Pròstanaich agus gun do ghluais an cànan bho Fhrìosais gu Gearmailtis Iosail (Low German). Eadar 1400 - 1550 dh’atharraich an toiseach an cànan oifigeil gu Gearmailtis Iosail, an uair sin bha muinntir anns na bailtean mòra a' leantainn agus mu dheireadh thall dh’atharraidh i air an dùthaich cuideachd. Ann an 1800 bha Frìosais an Ear marbh ach ann an dà àite a-mhàin [5].

'S e Wangerooge, eilean anns a' Chuan a Tuath, aon dhuibh. Bha Frìosais Wangerooge air a bhruidhinn le 400 luchd-labhairt an seo. Ach bha làn-thìde uabhasach stoirmeil ann anns a' gheamhradh 1854, bhris an dàrna leth den eilean don mhuir. Air sgàth sin chaidh a’ chuid as bu mhotha de mhuinntir an eilein a ghluasad gu tìr-mòr, far an do sguir iad Frìosais a bhruidhinn anns an timcheallachd ùir. Dh’fhan dìreach 85 dhuibh air an eilean. Chaochail an neach-labhairt mu dheireadh aig an robh Frìosais 1930 ann an Wangerooge agus air tìr-mòr ann an 1950. [6]

Mar sin chan eil Frìosais an Ear air fhàgail an-diugh ach anns an sgìre Saterland a-mhàin.

An Saterland[deasaich | deasaich an tùs]

An abhainn Sater ann an 1931

Tha an Saterland suidhichte air cnoc gainmheil ann am mòinteach mhòir Tha an abhainn Sater a' ruith air a thaobh. Anns na seann làithean b' e sgìre gu math iomchall a bha ann. Cha b' urrainnear an t-àite a ruigsinn ach le bàta no anns a' gheamhradh, nuair a bhiodh a’ mhòinteach reòithte. 'S e a' chinnidheachd Fhrìosaich agus an creideamh Chaitligeach a bha gan sgaradh bho na Sagsainnich timcheall orra a bharrachd. 'S e sin as adhbhar gun do mhair an cànan beò air an eilean-cainnte seo. [7]

An diugh chan eil ach ceithir bailtean ann far a bheilear SF a' bruidhinn. 'S iad Ramsloh, Scharrel, Strücklingen agus Neuscharrel. Ann an 1995 bha SF aig 39,7% de na daoine ann an Ramsloh; 28,9% ann an Scharrel agus 26,2% ann an Strücklingen. Ann an Neuscharrel chan eil ach 9,6% ga bruidhinn, ach mar a tha ainm a' bhaile "Scharrel Ùr" ag ràdh chaidh am baile a stèidheachadh às ùr anns an 19mh linn. [8]

Àireamh luchd-labhairt[deasaich | deasaich an tùs]

Tron na linntean bha SF aig timcheall air 2000 luchd-labhairt. Tha a' chiad rannsachadh ann an 1890 le Kollmann a' sealltainn gun robh 2.471 (58%) a-mach à 4.215 duine a bha a' fuireach anns an Saterland a' bruidhinn SF.[9] Ann an 1971 bha an cànan aig 36% [10] agus a rèir Stellmacher thuit an àireamh gu 2.250 (27%) a-mach à 8.334 duine ann an 1995. Ach thuirt 4.058 (49%) dhiubh gun bheil iad a' tuigsinn SF fhathast. [8] Ged a dh’fhàs an t-sluagh gu dà uimhir na h-àireamh, chìthear nach do dh’atharraich àireamh an luchd-labhairt gu mòr anns an 20mh linn. Ach tha aois an luchd-labhairt a' sealltainn gu bheil dà threasamh den luchd-labhairt seachad air aois nuair a bhios clann aca.[8]

Aois %
14-24 15,8%
25-40 22,9%
40-55 31,3%
>55 34,7%

An dèidh na 1950an dh'fàs Gearmailtis na bu treasa air sgàth 's dà adhbhar [11]

  • Emslandplan (1950 - 1989): 'S e plana airson eaconomaidh a leudachadh a bha ann: Chaidh rathaidean is stèiseanan trèana a thogail, chaidh a' mhòinteach a thiormachadh, b' fheudar do na tuathanaich gluasad a-mach às na bailtean agus chaidh cosnaidhean ùr anns a' ghnìomhachas a chruthachadh. Mar sin dh'atharraich dòigh-beatha na choimhearsnachd gu tùr.
  • Heimatvertriebene agus Russlanddeutsche: 'S e fògarrachan a bha annta às an Ruis agus às na sgìrean Gearmailteach a bha air an call an dèidh an Dàrna Cogaidh. Rinn mu 2000 dhuibh in-imrich don sgìre Saterland. 'S e coigrich le cultar eadar-dhealaichte a bha annta, ach bha Gearmailtis aca. Airson a’ chiad turais bha nàire air muinntir an àite mun chànan aca fhèin, gu h-àraidh air sgàth 's gun robh a' chlann “ùr” na b' fheàrr anns na sgoiltean. Sguir na pàrantan de Saterfriesisch a bhruidhinn aig an taigh leis an dòchas gu bheil cothroman na b’ fheàrr aig a’ chloinn, nam biodh "Gearmailtis cheart" aca cuideachd. [12]


Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Lewis, P. M. (2009). Saterfriesisch, a language of Germany. Air a thadhail 23 an t-Ògmios, 2011 bho Ethnologue: Languages of the World, Sixteenth edition. Dallas, Tex.: SIL International. Air ethnologue.com
  2. Salminen, T. (1993) Eastern Frisian. UNESCO RED BOOK ON ENDANGERED LANGUAGES: EUROPE. Air a thadhail 23 an t-Ògmios 2011 bho UNESCO RED BOOK Eastern Frisian.
  3. 3.0 3.1 Fort, M. C. (n.d.). Niederdeutsch und Friesisch zwischen Lauwerzee und Weser. td 517 - 528 Oilthigh Oldenburg Air a thadhail 23 an t-Ògmios 2011
  4. Kramer P. (2006) Seeltersk - Kurs. Cùrsa Sheeltersk. Air a thadhail 23 an t-Ògmios 2011.
  5. 5.0 5.1 Schmitt, H. (2001) Geschichte Ostfrieslands in der Neuzeit. An ann: H. H. Munske et al (deas.), Handbuch des Friesischen, Tübingen: Niemeyer, td 677 – 685.
  6. Versloot A. P. (2001) Das Wangeroogische. Ann an: H. H. Munske et al (deas), Handbuch des Friesischen, Tübingen: Niemeyer,td 423 – 429.
  7. Walker, A. G., & Wilts, O. (2001) Institutionen der Frisistik in Deutschland. Ann an: H. H. Munske et al (deas.), Handbuch des Friesischen, Tübingen: Niemeyer, td 54-58.
  8. 8.0 8.1 8.2 Stellmacher, D. (1998) Das Saterland und das Saterländische. Oldenburg: Isensee Verlag.
  9. Kollmann, P. (1891). Der Umfang des friesischen Sprachgebietes im Grossherzogtum Oldenburg. Zeitschrift des Verein für Volkskunde, 1, 377-403.
  10. Drees, J. (1973). Anmerkungen zum Gebrauch der saterfriesischen Sprache im Jahre 1971. In N. Instituut, Frysk Jierboek 1973, td. 159-170. Nordfriisk Instituut
  11. Walker, A. G. (1989) Frisian Ann an: C. V. Russ (deas.), The Dialects of Modern Germans: A Linguistic Survey, Stanford, California: Stanford University Press, 33 - 58.
  12. Ford, M. C. (2001) Das Saterfriesische. An ann: H. H. Munske et al (deas.), Handbuch des Friesischen; Tübingen: Niemeyer, td 409-422.