Ciura
Ciura
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Grischuns | ||||
Cànan | Gearmailtis/Rumantsch | ||||
Co-chomharran | 46° 51 00′ Tuath 09° 32 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 28.09 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 33,756 (2010) | ||||
Dlùths | 1,201.71/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 81 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.chur.ch |
‘S e baile meadhanach faisg air Tavau, air an àirde an ear na h-Eilbheis a th’ ann an Ciura' (IPA ˈkwe•rɐ, Eadailtis Coira, Gearmailtis: Chur, Fraingis: Coire). Tha daoine air a bhith a’ fuireach san àite seo bho chionn fhada, treubhan Pfyn nam measg.[1] Thathar dhen bheachd gur ann às an Laideann Curia neo às a’ Cheilteach Koria a th’ann an t-ainm. Tha e suidhichte aig 581m os cionn ìre na mara[2] ri taobh na h-aibhne Plessur, anns an roinn (Rumantsch Chantun) Grischuns, dìreach 54km air falbh bho Zürich, 240km bho Ghenève agus 123Km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 33,756 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 143mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[4] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ciura, ach tha Rumantsch aig mòran dhuibh cuideachd.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Josias Braun-Blanquet (1884 – 1980): Bith-eòlaiche.
- Meinrad Schütter (1910 – 2006): Ceòladair.
- Alois Brügger (1920 – 2001) Lighiche.
- Hans Gmür (1927 – 2004) Sgrìobhadair.
- Hans Ruedi Giger (1940): Fear-ealaine.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dizionario Storico della Svizzera[dead link]
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ City Population[dead link]
- ↑ Stadt Mayrhofen
- ↑ Comune di Terracina