Rumantsch
Coltas
Rumantsch | ||
---|---|---|
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
42 583[1] | |
Teaghlach-chànan |
| |
Siostam-litreachaidh | Aibidil Ròmanach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | An Eilbheis | |
'Ga riaghladh le | Gun riaghladh | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | rm | |
ISO 639-2 | roh | |
ISO 639-3 | roh | |
'S e cànan Ròmansach a th’ ann an Rumantsch. Tha Rumantsch ga bruidhinn le mu 42,000 duine ann an corra àite anns an Eilbheis, gu h-àraidh ann an Grischun. ‘S e cànan co-oifigeil na h-Eilbheise a th' ann an Rumantsch, còmhla ris an Eadailtis, an Fhraingis agus a’ Ghearmailtis. Chaidh a' chiad leabhar fhoillseachadh ann an Rumantsch ann an 1527.
Eisimpleir
[deasaich | deasaich an tùs]- Rumantsch:
Tuots umans naschan libers ed eguals in dignità e drets. Els sun dotats cun intellet e conscienza e dessan agir tanter per in uin spiert da fraternità.[2]
Tha gach uile duine air a bhreith saor agus co-ionnan ann an urram 's ann an còirichean. Tha iad air am breith le reusan is le cogais agus mar sin bu chòir dhaibh a bhith beò nam measg fhèin ann an spiorad bràthaireil.[3]
Rumantsch Bunaiteach
[deasaich | deasaich an tùs]- Allegra. – Halò/Fàilte
- Co vai? – Ciamar a tha thu?
- Bun di. – Madainn mhath.
- Buna saira. – Feasgar math.
- Buna notg. – Oidhche mhath.
- A revair. – Mar sin leat.
- A pli tard. – Tìoraidh an-dràsta.
- Perstgisai. – B' àill leibh.
- I ma displascha. – Tha mi duilich.
- Perdunai. – Gabh mo leisgeul.
- Per plaschair. – Le do thoil.
- Grazia fitg. – Mòran taing.
- Anzi. – 'S e do bheatha.
- Gratulazions. – Meal do naidheachd.
- Bun cletg. – Deagh àigh.
- Ils quants è oz? – Dè 'n latha an-diugh?
- Quants onns has ti? – Dè 'n aois a tha thu?
- Viva! – Slàinte!
Goireasan
[deasaich | deasaich an tùs]- “Lia Rumantscha”. Lia Rumantscha. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2018.
- Lexicon Istoric Retic: “What's the e-LIR”. Faclair Eachdraidheil na h-Eilbheis. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2018.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Ständige Wohnbevölkerung nach Hauptsprachen und Bezirk, 2014-2016 kumuliert” (Gearmailtis). Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2018.
- ↑ “Universal Declaration of Human Rights: Rhaeto-Romance (Rumantsch)”. Office of the United Nations High Commissioner for Human Rights. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2018.
- ↑ “Universal Declaration of Human Rights: Gàidhlig Albanach (Scottish Gaelic)”. Office of the United Nations High Commissioner for Human Rights. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2018.