Ciura
Ciura
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn Eilbheiseach | |||||
| Cànan | Gearmailtis/Rumantsch | ||||
| Co-chomharran | 46° 51 00′ Tuath 09° 32 00′ Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 28.09 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 33,756 (2010) | ||||
| Dlùths | 1,201.71/km² | ||||
| Àireamh fòn | + 41 81 | ||||
| Duilleag oifigeil | http://www.chur.ch | ||||
‘S e baile meadhanach faisg air Tavau, air an àirde an ear na h-Eilbheis a th’ ann an Ciura' (IPA ˈkwe•rɐ, Eadailtis Coira, Gearmailtis: Chur, Fraingis: Coire). Tha daoine air a bhith a’ fuireach san àite seo bho chionn fhada, treubhan Pfyn nam measg.[1] Thathar dhen bheachd gur ann às an Laideann Curia neo às a’ Cheilteach Koria a th’ann an t-ainm. Tha e suidhichte aig 581m os cionn ìre na mara[2] ri taobh na h-aibhne Plessur, anns an roinn (Rumantsch Chantun) Grischuns, dìreach 54km air falbh bho Zürich, 240km bho Ghenève agus 123Km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 33,756 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 143mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[4] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ciura, ach tha Rumantsch aig mòran dhuibh cuideachd.