Cathal

O Uicipeid

'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Cathal[1][2]. 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Nochdaidh an t-ainm anns a' Bheurla mar Catheld, Kathel no Cathaldus.[1] Uaireannan chaidh Cathal eadar-theangachadh gu Beurla mar Charles [3] ged a tha freumh-fhaclachd gu tùr eadar-dhealaichte aig Charles.

Bunachas[deasaich | deasaich an tùs]

Thàinig an t-ainm Cathal bhon Ghaeilge agus tha e a' gabhail a-steach na h-eileamaidean Ceilteach "cath" agus "val" (riaghail). Nochd an t-ainm seo airson a' chiad turais anns an 7mh linn aig Naomh Èireannach a bha na cheannard aig sgoil mhanaich ann an Lios Mòr mus do dh'fhalbh gu ceann a deas na h-Eadailt mar easbaig.[4] Thàinig an t-ainm bho Èirinn gu Alba leis an teaghlach MhicMhuirich.[1]

Cruthan eile[deasaich | deasaich an tùs]

Chithhear cruthan eile mar "Cathel" [2], "Cahal" [4] no Càrdadh[3]. Tha "Cathalan" co-cheangailte ri Cathal cuideachd[5] agus nochd an t-ainm seo ann an seann Ghaeilge mar Cathalán. [6]

Daoine ainmeil air a bheil an t-ainm "Cathal"[deasaich | deasaich an tùs]

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 1.2 Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.57; ISBN 0-19-860764-4
  2. 2.0 2.1 Mac an Tàilleir, Iain: “Ainmean Pearsanta”. Sabhal Mòr Ostaig (faidhle docx). d.13
  3. 3.0 3.1 Mac Farlane, Malcom (1912): “The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language”. E. Mackay. d.144
  4. 4.0 4.1 Behind the name - Cathal
  5. Akerbeltz:: “Ainmean”. Làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig.
  6. Mari Elspeth nic Bryan: Index of Names in Irish Annals: Cathalán