Deargan-fraoich
| Carduelis carduelis | |
| Dearg-fraoich a' biadhadh air cluaran. | |
| Rangachadh saidheansail | |
| Rìoghachd | Animalia |
| Fìleam | Chordata |
| Clas | Aves |
| Òrdugh | Passeriformes |
| Teaghlach | Fringillidae |
| Gèineas | Carduelis |
| Spèiseas | C. carduelis |
| Ainm saidheansail | |
|---|---|
| Carduelis carduelis (Linnaeus, 1758) | |
| Briathran Gàidhlig eile | |
| Dearg-fraoich Buidheag Lasair-choille | |
Is e eun-seinn beag , dathach a tha ann an deargan-fraoich (Carduelis carduelis). Tha ainmean eile air buidheag agus lasair-choille. Tha e a' fuireach anns an Roinn-Eòrpa, anns an taobh tuath Afraga agus an taobh an iar Àisia.
Tha deargan-fraoich cuibheasach 12-13 ciadameatair a dh'fhaid, le 21-25 cm de réis-sgéithe, agus 14-19 gramaichean a chudrom. Tha fireannaich is boireannaich coltach ri chèile, le aodann dearg, ceann geal is dubh, sgiathan buidhe is dubh, drom donn agus ìochdar geal. Ge-tà, tha an dath dearg a' dol air cùl sùla an fhireannaich ach tha e a' crìochnachadh air thoiseach sùla a' bhoireannaich.
Bidh e ag ithe sìl beag mar iad sin de chluaran is leadan, ach nuair a bhios e a' biadhadh nan eòin òga aige, bhios a' glacadh meanbhan-fhrìde mar an ceudna.

Carduelis carduelis carduelis:
1 samhradh 2 fad na bliadhna
Carduelis carduelis caniceps:
3 samhradh 4 fad na bliadhna
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Deargan-fraoich air làrach-lìn RSPB (Beurla)
- Deargan-fraoich air làrach-lìn Avibase (Beurla)
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]- Uighean deargain-fhraoich (Carduelis carduelis carduelis )
- Uighean deargain-fhraoich (Carduelis carduelis carduelis )
