Carbost, Port Rìgh
Coltas
| Carbost | |
Bun-sgoil Charbost | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | Alba |
| Ceàrn | Comhairle na Gàidhealtachd |
| Sgìre | An t-Eilean Sgitheanach |
| Co-chomharran | 57° 27′ 4.32″ Tuath 6° 17′ 2.33″ Iar |
| Comharradh-clèithe | NG431482 |
| Feartan fiosaigeach | |
'S e baile beag ann an Alba a th' ann an Carbost[1] no Càrbost [2] (Beurla: Carbost). A rèir Mhic an Tàilleir thàinig an t-ainm Càrbost bho Sheann-Lochlannais agus tha e a' ciallachadh "frith-choille" no "doire" agus "tuathanas".
Tha Carbost suidhichte faisg air Sgèabost agus Borbh aig ceann deas an leth-eilein Tròndairnis anns an Eilean Sgitheanach. Tha Port Rìgh san ear-dheas air Carbost. Tha an rathad A850 a' dol tron bhaile. Ear air Carbost tha allt ann leis an ainm Carbost Burn.
'S e baile croitearachd a th' ann. Tha bun-sgoil ann.
Tha baile eile ann aig a bheil an dearbh ainm sa Bheurla, ach canar Càrrabost ris sa Ghàidhlig.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Iain Mac an Tàilleir "Ainmean-Àite", duilleag 27, Pàrlamaid na h-Alba
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]- Carbost Burn
- Taigh ann an Carbost
