Caraidean na Cruinne
’S e buidheann ballrachd agus carthanais a tha ann an Caraidean na Cruinne, airson dìon na h-àrainneachd.
Tha ann an Caraidean na Cruinne Eadar-nàiseanta ’na lìonra de bhuidhnean dìon na h-àrainneachd ann an 74 dùthchannan air feadh na cruinne. ’Nam measg, ann an Albainn, tha Caraidean na Cruinne Alba.
Chaidh Caraidean na Cruinne a stéidheachadh ann an 1969 le Robert O Anderson mar bhuidheann a’ cur an aghaidh cumhachd niuclasaich. Chuir Robert Anderson $200,000 den airgead aige fhéin a-steach ann, agus stéidhich e Caraidean na Cruinne còmhla ri David Brower, a bha an déidh briseadh leis an Sierra Club, agus Donald Aitken agus Jerry Mander. B’ e Amory Lovins a’ chiad chosnaiche agus thòisich esan Caraidean na Cruinne sa Rìoghachd Aonaichte. Chaidh an lìonra eadar-nàiseanta a stéidheachadh ann an 1971 an déidh coinneimh de riochdairean bho na Stàitean Aonaichte, an t-Suain, an Rìoghachd Aonaichte agus an Fhraing.
Tha Caraidean na Cruinne Alba ’na bhuidhinn carthanais ann an Albainn, agus ’na bhall de Charaidean na Cruinne Eadar-nàiseanta. Chaidh a’ chiad bhuidheann ionadail de Caraidean na Cruinne a stéidheachadh ann an Albainn ann an 1972. Ann an 1977 chaidh a’ chiad choinneamh a chumail de na buidhnean ionadail gu léir ann an Albainn. Ann an 1980 chaidh Caraidean na Cruinne Alba a chur air stéidh laghail mar bhuidheann neo-eisimeileach, agus ann an 1982 bha ballrachd mu 1200 aige. Chaidh a chlàradh mar bhuidheann carthanais (SC003442) ann an 1992. Tha ballrachd mu 3000 aige a-nise.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Caraidean na Cruinne Eadar-nàiseanta (làrach oifigeil)
- Caraidean na Cruinne Alba (làrach oifigeil)