Jump to content

Caolas Keriç

O Uicipeid
Caolas Keriç
Suidheachadh
Ainm dùthchail Керченский пролив/Керич бугазы/Керченська протока
Seòrsa Caolas
Fad 35km
Leud 3.1km
Mòr-roinn Roinn-Eòrpa
Dùthaich An Ruis
An Ucràin
Làrach-lìn Eosnap

'S e caolas air àirde an ear-dheas na Roinn-Eòrpa a th' ann an Caolas Keriç (Tatar: Керич бугазы, Ruisis: Керченский пролив, Ucràinis: Керченська протока). Tha i suidhichte eadar an Ruis agus an Ucràin agus 's e an ceangal-mara eadar a' Mhuir Dhubh agus Muir Azov a th' ann.[1] Tha an caolas 35km a dh'fhaide agus 3.1km a leud. Chan eil an caolas idir cho domhain, dìreach 18m thar cheann.[2] Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gun do chruthaicheadh an caolas Keriç mu 5600 RC, nuair a bha ìre na mara a' sìor-fhàs an dèidh Linn na Deighe.[3] B' e gleann a bh' ann ro làimh. Thathar a' togail drochaid tarsainn a' chaolais, a bhios deiseal airson 2019.[4]

Tha e coltach gur ann à Keriç, ainm a' bhaile as motha sa Chaolas, a tha an t-ainm. B' e Cimmerianus Bosporus ann an Laideann agus Κιμμέριος Βόσπορος ann an Greugais a chanadh ris anns a' chian-aimsir, air sàilleabh gu robh treubh a' fuireach san sgìre air an robh na Cimmerii.[5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. GRIDA
  2. BSE
  3. Ryan, W.B.F., Pitman, W.C.; et al. (An Giblean 1997). "An Abrupt Drowning Of The Black Sea Shelf". Marine Geology 138: 119–126.
  4. Eurasiches Magazin
  5. Anthon, J., A Classical Dictionary Containing an Accouint of the Principal Proper Names Mentioned in Ancient Authors, Harper, Eabhraig Nuadh, 1841
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: