Jump to content

Camanachd

O Uicipeid
Camanachd

Tha camanachd no iomain, air a bhith ga cluich o chionn da mhìle bliadhna leis na Gàidheil. Thug a' chiad Ghàidheil an geam leatha a Èirinn nuair a ràinig iad Dal Riata ann an linn Chaluim Chille. Tha iomain ga chleachdadh mar gnìomhair cuideachd gu bitheanta anns a' Ghàidhlig. An àite a bhith ag ràdh "Tha mi a' cluich camanachd" no "tha mi a' cluich iomain", bithear ag ràdh "Tha mi ag iomain".

Thèid iomain a chleachdadh cuideachd a thaobh a bhith a' trusadh sprèidh is caoraich.

Aig aon àm, bha daoine ga cluich air feadh na dùthcha, m.e. Bearaig a Tuath, Gallaibh is Glaschu, ach latha an-diugh, tha e làidir ann an Srath Spè, an t-Eilean Sgitheanach, agus an Gearastan agus àiteachan eile air feadh na Gàidhealtachd le grunn sgiobaidhean. Anns na bailtean mòra, thòisich oileanaich is maoir-shìthe Ghàidhealach clubaichean cuideachd.

B' àbhaist dha iomain a bhith air a cluich tron gheamhradh , leis a' bhliadhna a' tòiseachadh anns an Lùnasdal is a' dol gu Cèitean (Mar ball-coise). Gu mì-fhortanach, chan eil an t-sìde air a' Ghàidhealtachd uamhasach coibhneil aig an am seo, 's mar sin uaireannan shìneadh a' bhliadhna gu Iuchar, uaireannan a' crìochnachadh cha mhòr cola deug mus do thoisich an ath bhliadhna. Ann an 2003, cho-dhùin na clubaichean airson sgeama gearr-ùine de dh'iomain san t-samhradh a chur air bhog. Bha seo air leth soirbheachail le barrachd gheamannan gan cluich air an dearbh latha (Ged bha trioblaidean le cus geamaichean riochdachaidh gun fheum ag adhbhrachadh cus cinn-sheachdain ban). Anns an t-Samhain 2005, le mòran moladh bho Chomunn na Camanachd, chaidh iomain samraidh a' dearbhadh gu tur le taghadh cha mhòr aon-ghuthach. ged bha sgiobaidhean mòra mar Baile Ùr an t-Slèibh, Ceann a' Ghiuthsaich, agus Kyles Athletic a' cur na h-aghaidh gus a' mhionaid mu dheireadh.

Co-fharpaisean

[deasaich | deasaich an tùs]

Sgiobaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-seusan a' ruith bhon Màrt gun Dàmhair.

Riaghailtean

[deasaich | deasaich an tùs]

’S e geama simplidh th’ ann an iomain. Ann an geama nam fear tha dà chluicheadair deug anns gach sgioba agus feumaidh iad am ball a chur eadar dà phost airson tadhal fhaighinn. Tha iad a' cleachdadh caman a tha dèante de dh’fhiodh agus ball a tha dèante de leathar.

'S e Comunn na Camanachd a th' anns a' bhuidheann stiùiridh aig camanachd agus tha dleastanas aca urra ri riaghailtean a' gheama. Tha bòrd-stiùiridh aca.

Iomain thall thairis

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged thug na Gàidheil camain leotha air feadh an t-saoghail nuair a dh'imrich iad a Alba às dèidh Cùil Lodair agus nam Fuadaichean is gun deach iomadach gheamannan a chluich ann an àiteachan cho sgapte ri Patagonia gu Astràilia, chaidh an cleachdadh seo a bith as deidh greis. (Chaidh rannsachadh mìorbhaileach a dhèanamh air seo le Ùisdean D. MacIllFhinnein mar phàirt den tràchdas acadaimigeach aige). A dh'aindeoin seo, chaidh an geama ath-bheothachadh ann an Aimearaga a Tuath anmoch sna 1990an le Camanachd California a Tuath, a chaidh a thòiseachadh le daoine aig an robh uidh anns a' gheama agus ann an cultar na h-Alba.) a-nis, tha barrachd sgiobaidhean air èirigh air taobh an iar Ameireaga agus ann an Texas. Thàinig California a Tuath gu Alba anns an t-Samhradh 2005.

Ceangal a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]