Calw
Coltas
Calw
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Karlsruhe | ||||
Sgìre | Baden-Württemberg | ||||
Co-chomharran | 48° 43’ 00 Tuath 08° 44′ 08 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 59.88 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 23,275 (2009) | ||||
Dlùths | 388.69/km² | ||||
Àireamh fòn | 07051 agus 07053 | ||||
Duilleag oifigeil | calw.de |
‘S e baile beag aig ceann a deas na Gearmailt a th’ ann Calw (IPA: ˈkalf, neo kʰalp anns an sgìre fhèin). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turais ann an 1075 agus tha e faisg air na h-Aibhnichean Nagold, Tälesbach, Ziegelbach, Wurstbrunnenbach, Schießbach, Schlittenbach agus Schweinbach. Tha e suidhichte aig ceann a tuath na Coille Duibhe, eadar 330m agus 630m os cionn ìre na mara, 41km air falbh bho Karlsruhe, 535km bho Bherlin, prìomh-bhaile na dùthcha, 33km bho Stuttgart agus 227km bho München.[1] Tha am baile aig cridhe Baden-Württemberg. Tha 23,275 duine a’ fuireach ann an Calw.[2]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Hermann Hesse: (1877 – 1962) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1946.
- Walter Christaller: (1893 – 1969) Cruinn-eòlaiche.