Beinn Talaidh
Co-chomharran: 56°26′40″N 5°51′15″W / 56.444568°N 5.854288°W
Beinn Talaidh | |
---|---|
Àirde (m) | 761 |
Àirde (tr) | 2499 |
Àirde rinneach (m) | 430 |
air liosta | Graham, Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Muile |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (49) OS Explorer (375E) |
Comharradh-clèithe | NM625347 |
'S e beinn ann an Alba a th' ann am Beinn Talaidh. Tha e suidhichte ann am meadhan Eilean Mhuile eadar Dùn da Ghaoithe san ear is a' Bheinn Mhòr san iar. Tha e 761m (2499 troigh) de dh'àirde.[1] 'S e Graham agus Marilyn a th' ann.
Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Beinn Talaidh san 28 am Mart 2010.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)