Dùn da Ghaoithe
Co-chomharran: 56°27′38″N 5°46′46″W / 56.460438°N 5.779524°W
| Dùn da Ghaoithe | |
|---|---|
Sealladh bho Loch Feochan air Dùn da Ghaoithe | |
| Àirde (m) | 766 |
| Àirde (tr) | 2513 |
| Àirde rinneach (m) | 659 |
| air liosta | Corbett, Marilyn |
| Suidheachadh | |
| Suidheachadh | Muile |
| Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (49) OS Explorer (375E) |
| Comharradh-clèithe | NM672362 |
'S e beinn ann an Alba a th' ann an Dùn da Ghaoithe. Tha e suidhichte air taobh an ear air Eilean Mhuile. 'S e Dùn da Ghaoithe an dàrna beinn as motha air an eilean, tha e 766m (2513 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chithear càrn mòr a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. 'S e Corbett is Marilyn a th' ann.
Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Dùn da Ghaoithe san 2 an Gearran 2013.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)