Badajoz (provincia)
Badajoz
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn agus Crùn na Castilla | ||||
Prìomh-bhaile | Badajoz | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 21,766 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 693,921 (2014) | ||||
Dlùths | 31.88/km² | ||||
Àireamh fòn | + (924) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann am Badajoz (IPA: baðaˈxoθ, Estremeñu: Baajós). Tha e na laighe ann an Extremadura, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Badajoz a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Badajoz fad 21,766km²[3] agus tha 693,921 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 24mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Cáceres, Ciudad Real, Córdoba, Huelva, Sevilla agus A' Phortagail.[5] 'S e Spàinntis dìreach a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à ﺑﻂﻠﻴﻮﺱ (batalyaws) ann an Arabais a tha an t-ainm.[6] Bheireadh sin Áite Làidir no Daingneachadh dhuinn sa Ghàidhlig. A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur e dìreach an t-seann ainm Ròmanach Pax Augusta air arabachadh a th' ann am Badajoz le B air sàilleabh nach robh P anns a’ chànan aca: ‘S e Imala a tha air a’ phròiseas sin.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ J. Sanmartín (1994). «Toponimia y antroponimia: fuentes para el estudio de la cultura púnica en España». En A. González Blanco; J.L. Cunchillos Ilarri; M. Molina Martos. El mundo púnico: historia, sociedad y cultura. Murcia: Consejería de Cultura y Educación. Región de Murcia. pp. 227–250. ISBN 84-7564-160-1.
- ↑ The History of the Mohammedan Dynasties in Spain, Aḥmad Ibn- Muḥammad al- Maqqari